FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gaelic names for seashells Ainmean Gàidhlig do shligean-mara

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Ainmean Gàidhlig do shligean-mara

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nis, a' Ghàidhlig a bu chòir a bhith air na sligean-mara as cumanta an Alba? Sin a tha fa-near do phròiseact ùr a tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' cur air dòigh. Tha dùil gum bi an liosta feumail do leithid luchd-rannsachaidh, tidsearan, pàrantan is eile, a tha ag iarraidh an cuid Gàidhlig a chur gu feum an co-cheangal ris a' chladach. Seo Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] An aithne dhuibh ainmean Gàidhlig do mhaorach? An aithnicheadh sibh muirsgean bho chreachan? Nis tha Dualchas Nàdair na h-Alba air pròiseact a chur air dòigh airson togail ainmean Gàidhlig mhaorach agus sligean a lorgas tu air a’ chladach.

[Ruairidh MacIlleathain] Tha cha mhòr a h-uile duine a tha dol don chladach uair no uaireigin agus chì iad na maoraich ann. Nuair a tha clann òg ann, ’s ann tric a bhios iad a’ togail nan sligean agus bhiodh e math nam biodh comas aig pàrantan, air maor-dhùthcha, aig feadhainn a tha an sàs ann an nàdar, aig tidsearan, na h-ainmean gu lèir a bhith aca airson gach seòrsa. Tha na h-ainmean cumanta againn mar-thà ach ’s iad an fheadhainn nach eil buileach cho cumanta, bhiodh e math nam biodh na daoine a tha a’ dol chun a’ chladaich eòlach orra.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus tha Ruairidh mothachail air na diofar ainmean ann an diofar àitichean.

[Ruairidh MacIlleathain] Tha e uabhasach cudromach gun cùm sinn sùil air na dual-chainntean ann an Gàidhlig. Tha iad a’ toirt beairteas don a’ chànain agus cha bhithinn idir, idir airson a bhith milleadh nan ainmean ionadail no ainmean dual-chainnteach, gu dearbha bhithinn airson an cruinneachadh.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] So, bheil thu eòlach air na sligean seo?

[Ruairidh MacIlleathain] Seo slige air am bi duine gu math eòlach, an t-slige creachain agus tha mi smaoineachadh gu bheil sin ’s dòcha buntainn ris a h-uile sgìre. Lorg mi iucadan airson seo ann am faclairean agus cuideachd diucadan airson seo agus chan eil mi buileach cinnteach a bheil na h-ainmean sin ceart. Muirsgean a chanas mise riutha, chuala mi cuideachd braighleach is broilleach agus tha mi smaointinn gur e muirsgein a thathas aig a’ chuid mhòr de dh’àiteachan. Coparran muira no copan muira airson bàirneach bheag. Tha amharas agam gur e seo an t-slige air a bheil cnomhagan no cnocann no cnomhag ach ’s dòcha gu bheil beachd aig feadhainn eile gur e ainm eile a th’ ann.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus bhiodh Ruairidh toilichte cluinntinn bho dhaoine anns na diofar sgìrean aig a bheil eòlais air maorach agus sligean mu na h-ainmean a tha iad fhèin a’ cleachdadh. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, air a’ chladach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!