FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Lorn community build a St Ayles skiff Sgìre Latharna a' togail sgoth

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Sgìre Latharna a' togail sgoth

[Màiri Rodgers – Preseantair] Bidh buidheann bheag ann an sgìre Latharna a’ sireadh dachaigh ùr a dh’ aithghearr dhan bhàta fiodha a thathas air ùr thogail. Coltach ri grunn bhuidhnean air feadh na h-Alba tha coimhearsnachd Latharna air bàta St Ayles a thogail iad fhèin agus iad ag amas a-nis air a dhol an sàs ann am farpaisean, mas e is gum faigh iad seada ùr air a shon an toiseach. Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha buidheann bheag anns A’ Bharra Calltainn a’ togail sgoth an-dràsta. Cha robh eòlas sam bith aca mun gnothach ron seo. Thòisich iad oirre an-uiridh.

[Seumas Dòmhnallach] Oh uill bha dùil againn crìoch a chur oirre bho chionn fhada ach cha do thachair sin fhathast. Chan eil mòran ri dhèanamh mar a tha thu faicinn, tha na tobhtaichean air a dhol innte ’s beagan sgioblachadh a dhèanamh air ’s glaodh ’s peantadh an uair sin. Feumaidh sinn, mar a tha thu a’ faicinn, an toiseach ‘s an deireadh aig na stern posts, feumaidh iad sin an gearradh, uill chan eil mòran an sin. Agus a peantadh an uair sin agus feumaidh sinn ràimh a dhèanamh cuideachd.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha buidhnean air feadh na h-Alba a’ togail sgothan dhe leithid agus tha iad a’ ceannach na tha a dhìth orra bho chompanaidh ann am Fìobha. Tha iad sin a’ deisealachadh nam pìosan fiodha a tha a dhìth air a shon agus bidh na buidhnean gan cur còmhla. Ann an seo, anns a’ Bharra Calltainn chan eil fada aca ri dhol.

[Seumas Dòmhnallach] Tha mi smaoineachadh gu bheil còrr math is 50 dhiubh mu chuairt Alba an-dràsta dhan fheadhainn sin ’s tha 14 no 15 gan togail an-dràsta fhèin ’s bha mi bruidhinn le fear o chionn ghoirid ’s bha e smaoineachadh gun tòisicheadh iad air a thogail ann an Taigh an Uillt.

[Seumas Dòmhnallach] Seo a-nis an stiùir Andreas, seo an aon phìos dhen bhàta tha dìreach, deiseil.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Ach feumaidh iad dachaigh ùr a lorg air a son a-nise.

[Seumas Dòmhnallach] Tha an t-àite seo, chaidh a reic o chionn ghoirid agus an fheadhainn a tha gan gabhail, feumaidh iad a ghabhail thairis. Feumaidh a h-uile duine a bhith a-mach à seo air deireadh na mìos seo. ’S mar sin feumaidh sinn oisean air choreigin fhaighinn far an cuir sinn i gus am faigh sinn air crìoch a chur oirre.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chan eil sin a-nis fada air falbh agus gu dearbha tha farpaisean iomraidh a’ dol eadar na buidhnean cuideachd. Andreas Wolff, BBC An Là, Am Barra Caltainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!