FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Prince Charles visits the Western Isles Am Prionnsa Teàrlach a’ tadhal air na h-Eileanan Siar

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Am Prionnsa Teàrlach a’ tadhal air na h-Eileanan Siar

[Màiri Rodgers – Preseantair] Nis a’ gluasad gu sgeulachdan beaga nas fhaisg air làimh agus abair thusa gu robh latha sònraichte aca aig a’ Mhòd ann an Steòrnabhagh an-diugh. Tha Dòmhnall MacLaomainn a’ feitheamh airson tuilleadh innse dhuinn – a Dhòmhnaill.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Mòran taing a Mhàiri agus fàilte oirbh uile gu Steòrnabhagh, far a bheil Mòd na Cloinne a’ tighinn gu crìoch agus fiughair ga dhèanamh ri Mòd nan Inbheach, a tha tòiseachadh a-màireach. Nise, chan e annas a th’ ann dhan Mhòd buill den teaghlach Rìoghail nochdadh bho àm gu àm. An-diugh, b’e am Prionnsa Teàrlach a bha air aoigheachd, ’s e toirt seachad duais Neach-ionnsachaidh na Bliadhna agus chaidh e cuideachd a chèilidh air taigh-staile Na Hearadh.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] ‘S e fàilte bhlàth a fhuair am Prionnsa an-diugh ann an Steòrnabhagh, ’s e coinneachadh ri comataidh ionadail a’ chomainn, ag èisteachd ri seinneadairean òga, a’ toirt seachad duaisean agus a’ gearradh cèic a bha comharrachadh 125 bliadhna bho chaidh An Comunn Gàidhealach a stèidheachadh. Bha sgeulachd Carmine Colajezzi, Neach-ionnsachaidh na Bliadhna, na iongnadh dha.

[Carmine Colajezzi] Dà bhliadhna air ais, as t-samhradh, an 2014, bha mi anns na h-Eileanan an Iar. Fhad ‘s a bha mi a’ campachadh chuir mi dà sheachdain seachad ann an sin. Agus chòrd an t-àite rium agus an cultar agus sna daoine agus ’s ann an sin a chuala mi a’ Ghàidhlig sa chiad dol a-mach. Agus bha mi ag obair ann an Glaschu aig an àm sin agus nuair a thill mi a Ghlaschu bha mi airson an ceangal ris na h-eileanan a chumail beò agus ’s ann air sgàth sin a thòisich mi air clasaichean Gàidhlig.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Às dèidh coinneachadh ri Carmine, bha gu leòr ri fhaicinn fhathast. B’ e buidheann de dhannsairean Gàidhealach an rud mu dheireadh a chunnaic e mus deach a thoirt chun an heiliocoptar aige dha na Hearadh, far an robh Ruaraidh Rothach a’ feitheamh.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ràinig am Prionnsa na Hearadh aig leth uair às dèidh meadhan-latha airson fosgladh oifigeil Taigh-staile na Hearadh. Choinnich e ri luchd-obrach agus muinntir an àite a bha air cuireadh fhaighinn. Ga thoirt timcheall bha Coinneach MacIlleathain, a tha os cionn sgioba nan staillearean.

[Coinneach MacIlleathain] Dìreach sheall sinn dha an spiorad, mar a bha sinn ga chruthachadh, sheall sinn dha an draft a tha sinn a’ toirt dha na croitearan, ’s sheall sinn dha an sugar kelp, an rud annasach a tha anns an gin againn agus bha e gu math fiosrach e fhèin mu dheidhinn a’ ghnothaich, chan e seo a’ chiad taigh-staile anns an robh e.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Fhuair am Prionnsa tocasaid de uisge-beatha na Hearadh mar tiodhlac. Nuair a bhios an t-uisge-beatha sin aig ìre, thèid a chur ann am botail agus a reic. Thèid an t-airgead gu carthannas Urras a’ Phrionnsa.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha cuairt a’ Phrionnsa a’ teannadh gu crìoch ach cha bhi e deiseil gus am faigh e air an tocasaid aige a dhùnadh agus blasad fheuchainn de dh’ uisge-beatha na Hearadh.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Às dèidh dha an tocasaid aige a dhùnadh, fhuair am prionnsa drùthag bheag dhan spiorad ùr. Ach dè shaoil e dheth?

[Coinneach MacIlleathain] Uill shaoil e gun robh e glè mhath. Shaoil e gun robh e uabhasach làidir a chionn tha e tighinn a-mach às an staile aig cha mhòr 40% proof. Mar sin thuirt e gun deach e shuas a shròin rud beag. Ach chòrd an drama ris, thuirt e gu robh e uabhasach complex agus tha sin a’ còrdadh ruinne.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha Taigh-staile na Hearadh air cliù a chosnadh mar-thà airson an gin aca agus feallsanachd taigh-staile sòisealta a tha gan stiùireadh. Ach dè feum a nì an comharrachadh rìoghail seo dhan ghnìomhachas anns an àm ri teachd?

[Coinneach MacIlleathain] Nì e feum mhòr, bidh e sealltainn nach e dìreach rud beag a th’ annainn, fhios agad. ’S e àite gu math cudromach a th’ ann dha na h-eileanan air sàillibh gun tàinig e choimhead oirnn.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Ruaraidh Rothach leis an aithris ud ’s a h-uile coltas ann gun do chòrd uisge-beatha na Hearadh ris a’ Phrionnsa.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!