FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A story about the haddock Sgeulachd mun adag

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Beul-chainnt Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Beul-chainnt

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Sgeulachd mun adag

[Eilidh NicLeòid] Manach. Sgadan. Bradan. Leòbag. Trosg. Tha dà bhall dubh air an adaig ‘s earball fada air a’ chuideig. Sin ag innse mar a dh’ aithnichear tu an dà iasg bho chèile.

[Eilidh NicLeòid] Cà’ am faic duine na làraich a th’ orra?

[Criosaidh Nic a’ Ghobhainn] Ma sheallas tu, tha iad ann an sin air cùl a cinn, fear air gach taobh. Air an taobh ud agus a-rithist air an taobh eile.

[Eilidh NicLeòid] Agus a bheil na làraich cho soilleir ri sin air a h-uile adag?

[Criosaidh Nic a’ Ghobhainn] Chan eil. Ma sheallas tu an-dràst’, bha am fear sin soilleir. Tha an tè ud, ‘s ann air èiginn a chì thu i. Tha e uabhasach duilich fhaicinn aig gach taobh dheth. Ach an-dèidh sin, tha e ann.

[Eilidh NicLeòid] Ò, tha mi a’ faicinn sin.

[Criosaidh Nic a’ Ghobhainn] Tha.

[Eilidh NicLeòid] Chan eil e cho soilleir.

[Criosaidh Nic a’ Ghobhainn] Chan eil, ach chì thu an-dèidh sin e.

[Eilidh NicLeòid] Agus dè an sgeulachd a th’ ann mar a fhuair an adag na comharraidhean a tha seo?

[Criosaidh Nic a’ Ghobhainn] Uill, tha iad ag ràdh gun robh an t-Abstol Peadar ag iasgach agus nuair a bha e a’ toirt a-steach an èisg às na lìn gun rug e air cùl an druim an adaig mar siud agus dh’ fhàg e làrach òrdaig ‘s a’ mheur air gach taobh agus mar sin aithnichidh tu an adag an àit’ sam bith, uill tha làrach òrdaig is meur Pheadair innte. ‘S e sin an sgeulachd a tha a’ dol co-dhiù.

[Eilidh NicLeòid] A bheil sibh fhèin a’ creidsinn ann?

[Criosaidh Nic a’ Ghobhainn] Chan eil. Chan eil fhios a’m 's fiù ‘s an robh robh adagan ann an Muir Galilee far an robh Peadar. Chan eil fhios a’m an robh iad rim faighinn an sin ach chan eil ann ach sgeulachd shnog a bhios tu ag innse co-dhiù.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!