FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New landing in Castlebay Lamraig ùr am Bàgh a' Chaisteil

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Lamraig ùr am Bàgh a' Chaisteil

[Innes Rothach – Preseantair] Thòisich obair ann am Barraigh airson laimrig nas fhasgaiche a thogail dha na iachtaichean is eile a tha a’ cur a-steach gu Bàgh a' Chaisteil. Aig a’ cheart àm tha Buidheann Choimhearsnachd Bharraigh 's Bhatarsaigh a' sireadh airgead airson siostam do phontoons a chur dhan Bhàgh airson a dhèanamh co-ionann ri puirt eile anns na h-Eileanan. Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bidh na ceudan iachtaichean a’ tadhal air Barraigh gach bliadhna. Ann am Bàgh a’ Chaisteil tha 12 àite anns a’ bhàgh far am faigh iad ceangal aig acaire. An uair sin ge-tà, feumaidh iad faighinn gu tìr.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Air latha mar a th’ ann an-diugh, le gaoth làidir a’ sèideadh às an deas agus an earra-dheas, an ìre mhath dìreach air a’ bhàgh ann an seo, bhiodh e gu math doirbh do dhuine faighinn air tìr gu sàbhailte far iacht le còbala bheag.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha obair a’ dol a-nis gus àite-ceangail sàbhailte agus ceum gu tìr a chur suas.

[Dòmhnall Manford] Tha e riatanach, riatanach gum faigh sinn, beag aig bheag, am bàgh a dhèanamh nas sàbhailte ’s nas sàbhailte do dh’ eathraichean airson tighinn a-staigh. Agus ’s e am post air sìor thaobh a Deas nan Eileanan an Iar agus tha daoine daonnan airson tighinn a-staigh a Bhàgh a’ Chaisteil agus feumaidh sinn a dhèanamh cho freagarrach ’s cho sàbhailte ‘s as urrainn dhuinn airson an cothrom thoirt dhaibh sin a dhèanamh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh pontoons a thogail ann am Loch nam Madadh bho chionn trì bliadhna agus dh’ fhosgail goireas mòr le fasgadh dha-rìribh ann an Loch Baghasdail an-uiridh.

[Dòmhnall Manford] ‘S tha sinn air, iomadh bliadhna bhith sàs ann a’ feuchainn ri leithid seann ghnìomhachas a chur ann am Barraigh. ’S e aon eilean a tha air fhàgail sna h-Eileanan an Iar a tha às aonais a’ ghnìomhachais a tha seo, ach tha e cho riatanach, chan ann a-mhàin do iachtaichean a tha tighinn dhan eilean ach seadh, chlann agus ag ionnsachadh mu obair mara agus a bhith an sàs sa mhuir.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha e na amas aig a’ bhuidhinn coimhearsnachd pontoons a thogail agus tha iad sin air an sealltainn ann an uaine anns an dealbh seo. Bidh an obair aig an ìre seo deiseil ann am beagan sheachdainean. Aig an aon àm tha tagraidhean a-staigh airson maoineachadh dhan dàrna pìos dhen phròiseact agus ma bhios iad sin soirbheachail, bidh an còrr dhen obair a’ dol air aghaidh bho thoiseach na h-ath-bhliadhna. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann am Barraigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!