FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Shinty players and pipers in the First World War remembered Cluicheadairean iomain agus pìobaireachd a' Chiad Chogaidh gan cuimhneachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Cluicheadairean iomain agus pìobaireachd a' Chiad Chogaidh gan cuimhneachadh

[Màiri Rodgers – Preseantair] Chaidh am pàirt a bh' aig cluicheadairean iomain agus pìobaireachd anns a' Chiad Chogadh a chomharrachadh aig tachartas ann an Sruighlea air an deireadh-sheachdain. Bhathar a' toirt iomradh gu sònraichte air Màidsear na Pìoba Uilleam Labhraidh à Baile Chaolais a sgrìobh am fonn ainmeil Battle of the Somme. Chaidh Andreas Wolff dhan tachartas.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bha Linda NicLeòid am measg na bh’ air an àrd-ùrlar aig tachartas ann an Caisteal Shruighlea air an deireadh-sheachdain. Chaidh am pàirt a bh’ aig cluicheadairean iomain agus pìobaireachd sa Chiad Chogadh a chomharrachadh.

[Ùisdean MacIllInnein] Chuir e às do dh’ iomain an ìre mhath. Chaidh aontachadh aig deireadh a’ Chiad Chogaidh gu feumaiste oidhirp gu math sònraichte a dhèanamh agus an gèam ùrachadh ‘s a thogail. Agus chì sinn gu bheil tòrr de na farpaisean a th’ againn an-diugh, tha iad air an stèidheachadh anns na bliadhnaichean an-dèidh a’ chogaidh, anns na 20an, far an deach geamaichean òigridh, farpaisean òigridh ’s a h-uile càil dhen sin a chur air dòigh. ‘S bha duine no dithis mar MacShimidh, mar eisimpleir, bha e na cheannard air Comann na Camanachd aig an àm, na cheann-suidhe agus bha esan na phàirt dhen sin.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chualas am fonn ‘The Battle of the Somme’ a chaidh a sgrìobhadh le Màidsear na Pìoba Uilleam Labhraidh à Baile Chaolais.

[Uilleam Òg Labhraidh] When he worked in the quarry and if an idea of a tune came into his mind he would pick up a slate and get another wee bit of slate and just write it out on the slates. And then he’d take it home with him and try and transfer it onto paper. But none of these slates survived I’m afraid.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chaidh a’ phìob aig Uilleam Labhraidh a thaisbeanadh agus chualas pìos de mharbhrann dha a chaidh a sgrìobhadh le Donnchadh MacIain.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chluich an còmhlan òran sònraichte a chaidh a sgrìobhadh gus Blàr Festubert ann an 1915 a chomharrachadh.

[Gary Innes] I wrote a tune called ‘Our Heroes’ which is going to get played tonight and we released it with the shinty’s heroes band, with the Patterson’s pipes as well, 100 years to the very day that Donald Paterson fell on the fields of Festubert playing those very pipes, with the pipes playing £100 years on and such like so that story for me, I think, is just incredible.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] ‘S e cluicheadair bogsa a th’ ann an Uilleam Òg Labhraidh. Aig an deireadh chluich e am fonn ainmeil a sgrìobh a sheanair còmhla ris a’ chòmhlan. Andreas Wolff, BBC An aig dachaigh Rèisimeid Earra-Ghàidheal is Cataibh an Caisteil Shruighlea.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!