FaclairDictionary EnglishGàidhlig

'Faclan' Book Festival Fèis Leabhraichean 'Faclan'

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Leabhraichean 'Faclan'

[Màiri Rodgers – Neach-aithris] Nochdaidh bàrd nàiseanta na h-Alba Jackie Kay agus an sgrìobhadair ainmeil Philip Hoare aig an 6mh Fèis Leabhraichean 'Faclan' ann an Leòdhas an t-seachdain-sa. Bidh ùghdaran ionadail lethid Chaoimhinn MacNèill agus an t-Oll.Fionnlagh MacLeòid cuideachd an sàs ann, uile gu lèir air an toirt còmhla fo chuspair na bliadhna-sa - an Cuan Siar. Tha an aithris seo aig Ruairidh Rothach.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] An-uiridh ’s e fuil an cuspair a bh’ aig Faclan. Am bliadhna-sa, An Cuan Siar, cuspair cho farsaing ris an fhairge fhèin shaoilinn. Le sin, bha tòrr roghainn aig stiùiriche na fèise, Ruairidh Moireach, nuair a bha e a’ cur clàr na bliadhna ri chèile.

[Ruairidh Moireach] Tha, tha bàrdachd againn mar eisimpleir an-dràsta le Iain Stephen - am Maritime agus sgrìobhadairean a tha fuireach anns na h-eileanan mar Kevin MacNeil agus Amy Liptrot, ’s Mallachy Tallack agus mar sin ach cuideachd sgrìobhadairean a tha sgrìobhadh mu dheidhinn cùisean mar sin mar Philip Hoare, duine uabhasach ainmeil agus a bhuannaich duais Samuel Johnson airson an leabhar aige mu dheidhinn na muice-mara.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] ‘S e seo an t-siathamh bliadhna dhen fhèis. Anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh tha measgachadh de dh’ òraidean, leughaidhean agus filmichean air a bhith soirbheachail. Ach dè cho doirbh ’s a tha e an fhèis a chumail ùr agus tarraingeach? Agus a bheil e doirbh a bhith faighinn daoine, leis an uiread fèisean ùra a tha air nochdadh thar nam bliadhnaichean a dh’ fhalbh.

[Ruairidh Moireach] Cha d’ fhuair mise e duilich. Chan eil mi ag ràdh gu bheil e furasta a bharrachd, fhios agad ’s tha fèisean leabhraichean gu math diofraichte. Tha na biastan mòra mar Dùn Èideann agus Hay on Wye agus Cheltenham ’s mar sin, tha iad a’ dol airson cola-deug agus ceudan de sgrìobhadairean an sin, fhios agad. Dh’ fhaodadh tu ràdh duine sam bith a tha a’ sgrìobhadh leabhar am-bliadhna fhios agad gum bi iad aig na fèisean sin. Tha sinn tòrr nas teinne, trì làithean agus tha a h-uile càil còmhla ’s air cuspair teann cuideachd. Agus mar sin tha Faclan gu math eadar-dhealaichte bho na fèisean eile, fiù’s fèisean beag mar fèis Ulapul.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tòisichidh Faclan a-màireach aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh agus bidh an fhèis a’ leantainn gu Disathairne. Ruairidh Rothach, BBC An Là, Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!