FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Grimsay Week Seachdain Ghriomasaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Seachdain Ghriomasaigh

[Màiri Rodgers – Presenter] Tha seachdain sònraichte eile a’ dol air adhart ann am Griomasaigh. Gheibh muinntir an àite cothrom sùil a thoirt taobh a-staigh buidhnean agus gnìomhachasan ionadail agus gheibh iad blasad dhen mhaorach ainmeil aca. Chaidh a chur aig dòigh a dh’ aona-ghnothaich taobh a-muigh àm luchd-turais airson cothrom a thoirt do sluagh Uibhist fhèin pàirt a ghabhail anns an tachartais. Chaidh Shona NicDhòmhnaill ann a thoirt blasad air dhuinne.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S e fearann is cànan cuspair seachdain Ghriomasaigh, a’ chiad turas a chaidh seachdain de chuirmean, òraidean agus cothroman tadhal air diofar phròiseactan stèidhichte air an eilean a chur air dòigh.

[Linda NicLeòid] Tha leithid a bhuidhnean air an eilean fhèin, sin uile air a thoirt còmhla eadar can, far a bheil iad a’ togail nam bàtaichean, Kallin Shellfish fhèin, Clòimh Uibhist – Uist Wool, Blacklands Centre cuideachd san t-àite seo agus iomadach rud a tha tachairt air an eilean dìreach air a thoirt còmhla, beagan sanasachd a dhèanamh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chan eil dùil gum faicear mòran de luchd-turais aig na bhios a dol, gu dearbha cha b’e de bh’ ann am beachd a’ bhuidheann nuair a chaidh seo a dhealbhachadh bho thoiseach.

[Linda NicLeòid] Uill an àm seo dhen bhliadhna tha cùisean air socrachadh, tha an uair air a dhol air ais a-nis ‘s tha na h-oidhcheannan beagan nas fhaide ‘s dìreach rudeigin a bhith ann dha na daoine. Agus tha mi smaoineachadh gum bi e soirbheachail, tha daoine air tighinn a-mach an-diugh dhan a’ bhùth-obrach a th’ againn.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Faodaidh daoine tadhal a dh’ fhaicinn an obair a tha dol far a bheil eathraichean gan càradh ann am Griomasaigh. Cuideachd gheibh daoine blasad de dh’ iasg agus maorach aig gnìomhachas giullachd anns na Ceallan.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thòisich an t-seachdain le cothrom ionnsachaidh mu dheidhinn clàradh dhaoine airson fiosrachadh a ghlèidheadh còmhla ris an dotair Mairead Bennett.

[An t-Oll Mairead Bennett] Tha e fhathast cudromach a bhith a, mar a chanas sinn sa Bheurla, handing on tradition. Agus tha rudan ùr tighinn a-steach cuideachd. Agus tha, uill coimhead cò tha fuireach sna h-àitichean, carson a thàinig iad, dè rud a tha tarraingeach dhan eilean seo, bheil i nas fheàrr na àitichean eile, an do dh’ ionnsaich iad rudeigin ann an seo no ciamar a dh’ atharraich an dòigh-beatha no beul-aithris no tradition?.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] An dèidh òran snìomh a chluinntinn far clàr, bhiodh e gu math iomchaidh dhan luchd-èisteachd a dhol a choimhead a’ mhuilinn shìos an rathad. Chaidh pìos ùr a chur as am-bliadhna agus gheibh muinntir an àite a’ chiad chothrom sin fhaicinn. Bidh taisbeanadh ann dhen t-snàmh aig Clòimh Uibhist agus na thathar a’ dèanamh leis. Sin far am bi a’ bhùth a bhios a’ reic an t-snàth.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] An seo aig Ceann na h-Àirigh, air feadh an latha bidh cothrom ann èisteachd ri clàran bhon BhBC agus bho tasglann Comunn Coimhearsnachd Ghriomasaigh. Còmhla ris an sin bidh bùithtean-obrach eile ann. Air an oidhche bidh òraidean ri chluinntinn air diofar chuspairean. Agus an uair sin oidhche Shathairne this an t-seachain gu crìoch le teine mòr agus cèilidh. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann an Griomasaigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!