FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New facilities at the Stòr Goireasan ùr aig an Stòr

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Goireasan ùr aig an Stòr

[Mairi Rodgers – Preseantair] Gheibh muinntir cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich cothrom a-màireach sùil a thoirt air planaichean gus goireasan a leasachadh aig làrach an Stòir. Tha Urras an Taobh Sear an dùil tuilleadh ghoireasan leithid parcadh agus taighean-beaga a thogail aig an làraich. Tha an Stòr air a mheas mar fhear dhe na seallaidhean turasachd as trainge san eilean agus an àireamh de luchd-turais a’ sìor dol am meud. Seo Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha glè bheag de luchd-turais a’ tadhal air an Stòr an-diugh. Ach chan eil cùisean cho socair as t-samhradh. Bidh an t-àite a’ cur thairis le diofar sheòrsa charbadan agus na mìltean a’ tighinn ann. Ach ’s gann a tha na goireasan a tha ann dhaibh. Tha Urras an Taobh Sear air a bhith a’ rannsachadh phlanaichean airson làrach ri taobh an raon-parcaidh airson trì bliadhna a-nise.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Thàinig prìomhachasan a-mach bho na daoine ris an robh sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn nan rudan a bha iad ag iarraidh fhaicinn aig an Stòr. Agus tha rud gu sònraichte ann a bha iad airson a bhith cinnteach a dheigheadh a chur ann. ‘S e sin àitichean airson càraichean, barrachd àitichean far am b’ urrainn dhuinn càraichean a chur agus iad a bhith air falbh bhon rathad agus cuideachd gum biodh taighean-beaga ann airson daoine a bha a’ dol chun na Stòr.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha an cruth-tìre ainmeil air nochdadh ann an filmichean agus telebhisean. Le camara an-diugh aig cha mhòr gach neach, is tric gu bheil na creagan ainmeil seo rim faicinn air na meadhanan sòisealta cuideachd. Tha na h-àireamhan a tha a’ tighinn ann a’ fàs gach bliadhna.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chan eil coltas ann gun tig crìonadh anns an àireamh de luchd-turais a tha a’ tighinn dhan eilean gach bliadhna. Agus mar sin, tha Urras an Taobh Sear an dòchas am planaichean a ghluasad air adhart gu sgiobalta.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Ma gheibh sinne cead bhon choimhearsnachd a dhol air adhart leis na planaichean a tha sinn a’ cur mun coinneamh a-màireach, bhiodh sinn an dòchas gun dèanamaid an gnothach an uair sin air seo a chur mu choinneamh na Comhairle fhèin. Agus co-dhùnadh fhaighinn ro dheireadh a’ Mhàirt airson a dhol air adhart agus obair a thòiseachadh air an làraich seo uaireigin an ath-bhliadhna ’s gum biodh e fosgailte a’ bhliadhna às dèidh sin.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Bidh na planaichean airson na làraich rim faicinn aig oifis Urrais an Taobh Sear, ri taobh Eaglais na h-Alba an Stafainn eadar deich agus uair feasgar Disathairne. Calum MacIlleathain, BBC An Là, An Stòr.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!