FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Launch of new book festival in Inverness Cur air bhog fèis leabhraichean ùr an Inbhir Nis

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Cur air bhog fèis leabhraichean ùr an Inbhir Nis

[Innes Rothach – Preseantair] Chaidh fèis leabhraichean ùr a chur air chois ann an Inbhir Nis an-diugh. Feuchaidh an Ness Book Fest, a bhios a’ ruith thairis air an deireadh-seachdain, ri sgrìobhadairean ionadail a thoirt gu aire an t-sluaigh. Tha iad cuideachd ag amas air daoine òga a bhrosnachadh gus a bhith a’ leughadh. Thadhail Ruairidh MacÌomhair air fear de thachartasan Gàidhlig na fèise.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Clann aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, cruinn còmhla leis an ùghdar ionadail Ceitidh Hutton. Cothrom coinneachadh ris an sgrìobhadair agus cuid a charactaran bho a leabhraichean. Mar a bhiodh dùil, tha i a’ cur mòran luach ann an leughadh sa Ghàidhlig.

[Ceitidh Hutton] Tha mi smaointinn gu bheil sin gu math cudromach, gu bheil leabhar ga sgrìobhadh ann an Gàidhlig sa chiad àite an àite dìreach eadar-theangachadh a bhith ann. Agus cuideachd a thaobh phàrantan - tha sin gu math doirbh, leabhar a leughadh tro mheadhan na Gàidhlig mura b’ e sin a’ chiad chànan agadsa. So bha mi smaointinn, airson Broc ann an Cnoc, ‘s urrainn dha clann fileanta sin a leughadh no pàrantan gun mòran Ghàidhlig dìreach a bhith a’ dèanamh aon rosgrann mar ‘dè an t-ainm a th’ ort’ no rud mar sin agus fhathast bidh leabhar aca a tha iad a’ cleachdadh còmhla ris a’ chloinn.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris]Tha mòran de na bhios a’ chlann a’ toirt dhachaigh a’ tighinn bhon sgoil. Agus tha tidsearan cuideachd mothachail air na buannachdan a tha an cois leughadh.

[Alison NicLeòid] Uill tha e uabhasach cudromach air sgàth, mar sgoil, tha sinn air a bhith a’ coimhead air leughadh agus cho cudromach ‘s a tha e leughadh airson toileachas. So faighinn cothrom a bhith coinneachadh còmhla ri ùghdaran, tha sin a’ toirt dhaibh mar, dìreach cothrom math fhios agad, bruidhinn riutha agus faighinn beachdan bhuapa. Agus tha e a’ toirt dhaibh briathrachas farsaing, tha e a’ toirt dhaibh an gràmair, a’ chainnt is a h-uile càil mar sin tha e uabhasach cudromach dhaibh agus dìreach na sgilean aca a leasachadh le bhith a’ leughadh.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Bha taisbeanadh le Comhairle nan Leabhraichean cuideachd mar phàirt de thachartasan an latha. Tha seo uile ceangailte ri bhith a’ cur air adhart leughadh. Agus am beachd Ceitidh, bu chòir Gàidhlig a bhith aig cridhe fèis sam bith eile den t-seòrsa.

[Ceitidh Hutton] Tha mi smaointinn ma tha sinn a’ tòiseachadh rudeigin mar sin a-rithist feumaidh Gàidhlig a bhith ann aig toiseach tòiseachaidh. So tha mi an dòchas, ma tha sinn a’ dol air adhart an ath-bhliadhna bidh iad a’ smaoineachadh aig an toiseach o, bu chòir Gàidhlig a bhith ann aig an toiseach.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Thathar an dùil gum biodh a’ chlann seo gam brosnachadh gus barrachd ùine a chur seachad am measg leabhraichean. Agus ‘s e deagh amas a th’ ann an sin airson fèis litreachais. Tha na tachartasan a tha a’ gabhail àite an seo dìreach mar phàirt de dh’fhèis leabhraichean Inbhir Nis, le tachartasan eile a’ gabhail àite air feadh a’ bhaile tron deireadh-sheachdain. Ruairidh MacÌomhair, BBC An Là, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!