FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A community hub for Claddach Kirkibost? Ionad-coimhearsnachd do Chladach Chirceaboist?

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Ionad-coimhearsnachd do Chladach Chirceaboist?

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise tha a' bhuidheann Ùrachadh Uibhist ag amas air an àite aca aig Cladach Chirceaboist a dhèanamh na ionad coimhearsnachd far am bi grunn bhuidhnean agus gnìomhachasan beaga a' tighinn còmhla. Thathar a' trusadh bheachdan bhon choimhearsnachd air a’ chùis. Chaidh grunn rumannan fhàgail falamh ann nuair a ghluais an sgoil-àraich a bh' ann a-mach. Seo Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Suas gu deireadh An Lùnastail am-bliadhna, b’e guthan agus ùpraid bho chloinn bhig a bha ri chluinntinn anns na rumannan seo. Ach dh’ atharraich sin agus an sgoil-àraich air a gluasad beagan mhìltean sìos an rathad gu bun-sgoil ùr Uibhist a Tuath.

[Fiona MacIlleathain] Bhon uair sin tha beàrn anns an togalach far am b’ àbhaist dhaibh a bhith agus tha sinn a’ faicinn gu bheil an t-àite air fàs gu math sàmhach às aonais na cloinne agus às aonais nam pàrantan agus cuideachd an luchd-obrach.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A-nis le grunn rumannan falamh, tha Ùrachadh Uibhist, aig a bheil Ionad Chladach Circeaboist, a’ toirt sùil air gu ghabhas dèanamh leotha.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha cafaidh anns an ionad mar-thà agus ‘s e àite trang a th’ ann, gu h-àraidh tro mhìosan an t-samhraidh agus air sàilleabh sin chaidh leudachadh a thoirt air aon turas roimhe seo.

[Fiona MacIlleathain] Ochd rumannan a th’ againn gu lèir agus tha iad uile de dhiofar mheudachd agus tha daoine air a bhith a’ smaoineachadh ‘s dòcha an cafaidh a leudachadh le fear aca airson tha an cafaidh uabhasach soirbheachail agus daoine cuideachd a’ smaoineachadh ‘s dòcha gym a chur ann am fear aca, ‘s dòcha a’ choimhearsnachd a bhith ruith sin?

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bho chionn sheachdainean tha companaidh leasachaidh Uibhist a Tuath air a bhith ag obair còmhla ri Ùrachadh Uibhist a’ trusadh bheachdan sa choimhearsnachd air mar a ghabhas an t-ionad a chleachdadh. ‘S e cothrom a th’ ann grunn bhuidhnean coimhearsnachd agus gnìomhachasan beaga a tharraing còmhla ann an aon àite far am faodadh iad a bhith nan taic dha chèile.

[Fiona MacIlleathain] Tha na rumannan uile de dhiofar sheòrsaichean ‘s tha sinn ag iarraidh ‘s dòcha, a h-uile duine, rudeigin diofraichte a bhith anns gach rùm ‘s dòcha., airson a bhith caran aig cridhe coimhearsnachd Uibhist a Tuath. Hub airson a h-uile duine bhith tighinn ann, tha sinn feumach air. Agus cuideachd airson na coimhearsnachd fhèin, àite a bhith aca airson a h-uile dad fhaighinn a bhios a dhìth orra.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnaill, BBC An ann an Uibhist a Tuath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!