FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Scottish Gaelic Awards 2016 Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2016

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2016

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise tha rabhadh ann gun tèid a' Ghàidhlig fhàgail mar chànan sgoilearachd mura cùm buidhnean leasachaidh taic rithe anns na sgìrean far a bheileas fhathast ga bruidhinn. Thàinig an rabhadh bho Anna NicSuain agus i togail tè de phrìomh dhuaisean aig Duaisean na Gàidhlig a chaidh a chumail ann an Glaschu a-raoir. Chaidh sreath dhuaisean a thoirt seachad ann an sreath de chuspairean, seo Iain MacDiarmaid.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Cathy bhàn, àrd-ùrlar, fìon agus aithne dhan fheadhainn a rinn an diofar as motha dhan Ghàidhlig sa bhliadhna a dh’ fhalbh. Thog Shannon Cowie duais tosgaire òg na bliadhna. Chaidh i tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis. Tha i air aon cheum oilthighe a dhèanamh agus tha i air ùr thòiseachadh trèanadh na dotair.

[Shannon Cowie] A-nis dhòmhsa ‘s e cànan aig an taigh a tha ann agus tha Gàidhlig aig na daoine còmhla ris a bheil mi a’ fuireach agus sin an rud a tha cho cudromach mu dheidhinn taigh na Gàidhlig agus an uair sin nuair a tha mi aig an oilthigh chan eil mi a’ bruidhinn Gàidhlig idir. So tha e gu math diofraichte bhon nuair a bha mi sa bhun-sgoil agus ’s e Gàidhlig a bha agam sa chlas ach cha robh aig an taigh. ’S tha mi smaoineachadh gu bheil e cudromach sin a bhith agam airson mo chuid Ghàidhlig a chumail suas.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Thog Taigh-tasgaidh nan Eilean ann an Leòdhas duais airson feum eaconamaigeach a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig. Bha duais ealain ann son Theatre gu Leòr agus Catriona Lexy Chaimbeul son leabhar a h-athar, Tormod a’ Bhocsair nach maireann, Shrapnel, a chur air an àrd-ùrlar.

[Catriona Lexy Chaimbeul] Tha mi duilich nach b’ urrainn dha bhith còmhla rinn a-nochd ach tha mi cinnteach gum biodh e uabhasach moiteil.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Agus duais eile son prògram rèidio Beag air Bheag. Thill na h-Uibhistich le duais son pròiseact eadar dà sgoil – ‘B’ eòlach do Sheanair Air.’

[Iona NicIlledhuinn] Sgoil Dhalabroig agus Sgoil an Iochdair a bha ann am ‘B’ eòlach do Sheanair Air’ agus thàinig an dà sgoil còmhla airson dealbh-chluich a chur air beulaibh sluagh ann an Sgoil Lionacleit agus ’s e fileantaich agus luchd-ionnsachaidh a bha air an àrd-ùrlar a’ feuchainn ris an aon chothrom a thoirt dha na fileantaich agus ris an luchd-ionnsachaidh airson Gàidhlig a bhruidhinn agus airson ‘s gum faiceadh an coimhearsnachd gu robh a’ Ghàidhlig fhathast làidir agus gum bu chòir piseach a chur ris an sin cuideachd.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Gu h-eadar-nàiseanta, thàinig Seumas Watson a tha air a mhòr-chuid de bheatha-obrach a chur seachad ann an Alba Nuadh a’ leasachadh na Gàidhlig a-null son duais sàr obair. Chunnaic e oidhirpean mòra ath-bheothachaidh thall agus ann an seo.

[Seumas MacBhàtair] Eaconamaidh na h-Àird an Iar dhen t-saoghal a tha a’ glanadh às na cultaran beaga, na cànanan beaga seo.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Bha grunn dhuaisean eile ann ach, thog Anna NicSuàin prìomh dhuais na h-oidhche airson an obair a rinn i fad a beatha.

[Anna NicSuain] Ged is e mise a tha faighinn na duais ann an seo a-nochd, tha iomadach duine thairis air an 40 bliadhna chaidh seachad air a bhith sàs còmhla rium, ann an sgìre Nis agus cuideachd aig Colaiste a’ Chaisteil ’s aig Comhairle nan Eilean.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Tha na duaisean ann an co-bhann leis an Daily Record son aire a mhòr-shluaigh a thogail dhan obair a bhios daoine a’ dèanamh gus Gàidhlig a bhrosnachadh. Ach a rèir Anna NicSuain, tha sinn an-dràsta air an t-slighe cheàrr.

[Anna NicSuain] Tha mi smaoineachadh gu feum na buidhnean a tha an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig a bhith gu math faiceallach gu bheil iad a’ toirt taic dha na coimhearsnachdan anns a bheil a’ Ghàidhlig fhathast air a bruidhinn. Tha e glè mhath a bhith a’ toirt taic dha luchd-ionnsachaidh air feadh na dùthcha ’s a bhith ag àrdachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig ach mura bi coimhearsnachdan againn anns am bi a’ Ghàidhlig air a bruidhinn tha cheart cho math dhuinn sguir dheth.

[Iain MacDiarmaid – Neach-aithris] Iain MacDiarmaid, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!