FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Campbell’s headstone is newly displayed Clach-chinn Dhòmhnaill Phàil ga fhoillseachadh às ùr

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Clach-chinn Dhòmhnaill Phàil ga fhoillseachadh às ùr

[Iain MacAonghais – Preseantair] Nise, chaidh clach-chinn a' bhàird ainmeil Dòmhnall Phàil - Dòmhnall Caimbeul - a rinn an t-òran "Guma slàn do na fearaibh" - fhoillseachadh às ùr ann an Ceann a' Ghiuthsaich an dèidh dhaibh a sgeadachadh. Bha Dòmhnall Phàil a' fuireach anns a' bhaile nuair a rinn e an t-òran anns an naoidheamh linn deug - is còrr air trì cheud eilthireach às an sgìre a' falbh a dh'Astràilia. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Rugadh am bàrd Dòmhnall Caimbeul, no Dòmhnall Phàil, ann an Dail na Spideil faisg air Druim Uachdar. Ach b’ ann an seo, ann an Ceann a’ Ghiùthsaich far an do sgrìobh e na h-òrain as ainmeile aige. Sgrìobh e an t-òran "Guma slàn do na fearaibh" a bha a’ toirt iomradh air suidheachadh nan ceudan a Ghàidheil a chaidh thar a’ chuain aig àm nam Fuadaichean. Ach bha a’ chlach-uaighe aige ann an Ceann a' Ghiuthsaich ann an droch staid.

[Seumas Grannd] Thàinig mi staigh an seo bho chionn, tha mi creidsinn, 14 bliadhna no mar sin agus oh, fhuair mi briseadh dùil nach beag bho bha a’ chlach aig Dòmhnall Phàil a’ tuiteam, an ìmpis tuiteam chun an làir agus aig an àm a bha sin fhuair mi an touch le Comunn Ghàidhlig Inbhir Nis agus phàigh iadsan airson a’ chlach a chàradh. A cur dìreach a-rithist co-dhiù.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Le taic cuideachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Alba Aosmhor airson a’ chlach a sgeadachadh bha tachartas air a chumail aig a’ chladh, a’ comharrachadh a’ bhàird.

[Sheila NicAoidh] Chan eil mi smaoineachadh gu bheil fhios aig mòran gur ann à sgìre Bhàideanach a tha an t-òran agus gur e Dòmhnall Caimbeul, Dòmhnall Phàil mar a dh’aithnicheamaid e, a sgrìobh na faclan, nuair a bha e a’ faicinn nan nàbaidhean ‘s a chàirdean a’ fàgail na sgìre, a’ dèanamh a slighe dhan Ghearastan, a-rithist a’ dol dhan Oban ‘s an uair sin a-null a dh’Astràilia agus iad còig mìosan aig muir agus dìreach rudan mar sin. Agus bha e fhèin tha mi smaointinn cuideachd a’ faireachdainn gu math duilich nach b’ urrainn dha falbh còmhla riutha, dh’ fheumadh e fuireach aig an dachaigh.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Nis tha rannsachadh a tha a’ dol a dh’fhaighinn a-mach ma tha sìol Dòmhnall Phàil fhathast san sgìre. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Ceann a’ Ghiùthsaich.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!