FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Western Isles school pupils celebrate Gaelic Day Sgoilearan nan Eilean Siar a' comharrachadh Latha na Gàidhlig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Sgoilearan nan Eilean Siar a' comharrachadh Latha na Gàidhlig

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise tha clann-sgoile air feadh nan Eileanan Siar air a bhith ag ionnsachadh an-diugh mu na cothroman obrach a dh’ fhaodadh a bhith an cois na Gàidhlig. ‘S e Latha na Gàidhlig a th’ aig Comhairle nan Eilean Siar air agus chaidh an tè-naidheachd againne, Eilidh NicLeòid, shìos dhan Tairbeart gu Sgoil Sir E Scott, a dh’ fhaicinn mar a bha iadsan ga chomharrachadh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S e cothrom a th’ ann faighinn a-mach às a’ chlas ach tha fhathast ionnsachadh ri dhèanamh. Chaidh sgoiltean eadar Barraigh agus Nis an sàs ann an Latha na Gàidhlig ann an diofar dhòighean. Thug Sgoil Sir E Scott air an Tairbeart cuireadh do 14 buidhnean, ceangailte ris a’ chànan.

[Aonghas MacNeacail] Tha e sealltainn dha na sgoilearan gu bheil buaidh ann a bhith cleachdadh Gàidhlig agus ga cumail air adhart tro sgoil.

[Iseabail NicLeòid] Uill tha sinn dìreach airson sealltainn gun urrainn dhut Gàidhlig a chleachdadh ann an dòighean eadar-dhealaichte, ann an jobaichean eadar-dhealaichte agus ag innse dhaibh gun urrainn dhaibh dhol dhan oilthigh agus Gàidhlig agus lagh a dhèanamh còmhla.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha a’ chuid as motha dhen chloinn anns a’ bhun-sgoil seo a’ faighinn oideachadh anns a’ Ghàidhlig. Tha roinn an fhoghlaim airson barrachd phàrantan a bhrosnachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thaghadh dhan chuid chloinne le bhith taisbeanach nan cothroman a tha an cois a’ chànain.

[Daibhidh Mhoireach] Tha mi smaoineachadh gu bheil latha mar seo a’ toirt cothrom dhaibh an obair aca fhèin a thaisbeanadh dhan choimhearsnachd agus tha iad a’ faicinn cho cudromach agus a tha Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd agus gu nàiseanta.

[Sgoilear] Uill tha mise an dòchas a dhol gu muir nuair a dh’ fhàgas mise an sgoil agus uill chan eil mi air a dhol seachad fhathast ach ‘s dòcha gu bheil buidhnean an sin far a bheil iad a’ dol gu muir.

[Sgoilear] Tha cothrom mar seo sgoinneil dhuinne a chionn ‘s tha e ag innse dhuinn tòrr a bharrachd na dìreach suidhe ann an clas agus a bhith ag èisteachd ris an tidsear. Tha sin glè mhath ach tha e nas fhèarr faicinn le do shùilean fhèin mar a tha an cànan a’ dol.

[Sgoilear] Tha mi ag iarraidh dèanamh meadhanan Gàidhlig agus a dhol gu Sabhal Mòr Ostaig ’s dèanamh cùrsa meadhanan Gàidhlig. ‘S dòcha faighinn air tbh no rèidio, chan eil fhios agam fhathast.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chrìochnaich leasanan na maidne le cleasachd a-muigh, a’ dearbhadh gu feum beagan spòrs a bhith an cois an ionnsachaidh. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, air an Tairbeart.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!