FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Cookery competition for school pupils in Inverness Farpais chòcaireachd do sgoilearan Inbhir Nis

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Farpais chòcaireachd do sgoilearan Inbhir Nis

[Iain Macaonghais – Preseantair] Uill bho gnothaichean cànan ma-thà gu còcaireachd agus chaidh an treasamh farpais Masterchef do sgoilearan Inbhir Nis a’ chumail anns a’ bhaile a-raoir. Bha ceathrar nighean anns a’ chuairt dheireannach agus chur iad measgachadh de bhiadh air beulaibh nam britheamhan. Chaidh am fear-naidheachd againne Ruairidh MacÌomhair ann airson blasad fhaighinn air na bha a’ dol.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Chan eil còcaireachd ann a tha cho duilich ri seo. Chaidh farpais Masterchef sgoilearan Inbhir Nis a chumail airson an treas uair a-raoir. Cothrom do chòcairean òg a’ bhaile an sgilean a thaisbeanadh air beulaibh dà bhritheamh cliùiteach.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Tha cùisean a teasachadh anns a’ chidsin agus chan eil ach aon chuairt eile eadar na sgoilearan seo agus duais Masterchef na bliadhna. Tha iad air obair mhòr a dhèanamh gus an ìre seo a’ ruighinn agus tha e uile a’ tighinn gu ceann a-nochd.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Fhuair na farpaisich air fad moladh bho na britheamhan. Ach ’s e sgoilear bho Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn a ghlèidh an duais mhòr.

[A’ Bh-uas Claire NicDhòmhnaill] The standard of the cooking was what blew us away, me and Michael Smith, my fellow judge and Lucia, Lucia is the winner. And it was very difficult to judge but her food was just that little bit above in each course.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Bha blas eadar-nàiseanta air a’ cho-fharpais le ceanglaichean dhan Eadailt, Èirinn, a’ Ghearmailt agus Alba fhèin aig na sgoilearan. Nochd measgachadh de bhiadh air na truinnsearan.

[Murchadh Caimbeul] Bha feadhainn a’ còcaireachd le feòil-circe, feadhainn le iasg agus bha an uair sin, bha a’ chiad chùrsa againn cuideachd far robh brot ann agus chan e brot mar a dh’ aithnicheas sinne ach brot caran sònraichte.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Do Lucia ’s e ceum an ionnsaigh dreuchd ann an còcaireachd a bh’ ann an seo agus fhuair i tairgse shònraichte air an oidhche.

[Lucia] Yeah I’d love to become a chef when I’m older.

[A’ Bh-uas Claire NicDhòmhnaill] Ah, could I just leap in here and offer you a job at Kinloch Lodge Hotel?

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Do nighean a tha fhathast gun ach 12 bliadhna a dh’ aois, h-abair gur e cothrom a th’ann an sin. Ruairidh MacÌomhair, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!