FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New housing development opened in Harris Leasachadh taigheadais ùr ga fhosgladh anns na Hearadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Leasachadh taigheadais ùr ga fhosgladh anns na Hearadh

[Màiri Rodgers – Preseantair] Dh'fhosgail Ministear an Taigheadais, Caoimhin Stiùbhart, leasachadh de thaighean ùra aig prìsean reusanta anns na Hearadh an-diugh. Chaidh na taighean a thogail le Taighean Innse Gall, sin HHP, air talamh a fhuair iad bho Urras Taobh Siar na Hearadh. Tha sia ann uile gu lèir agus daoine mar-thà a' gluasad a-steach annta. Tha an aithris-sa aig Ruaraidh Rothach.

[Ruaraidh Rothach. – Neach-aithris] Tha daoine a’ còmhnaidh anns an sia taighean ùra am Pàirce Niseaboist mar-thà agus tha luchd-còmhnaidh agus leasachadh le chèile gu math riaraichte le na dachaighean ùra.

[Iain MacÌomhair] Tha sinn toilichte sin fhaicinn agus cho math ’s a tha e coimhead agus buileach toilichte faicinn a’ mhinistear a’ tighinn an seo an-diugh airson am fosgladh. ’S tha e math faicinn teaghlaichean ’s clann cuideachd a’ tighinn dhan dùthaich ’s dol a-steach dha na taighean agus tha iad a’ còrdadh riutha.

[Ruaraidh Rothach. – Neach-aithris] Am measg nan daoine a fhuair taigh tha Sandra ‘s an teaghlach aice. Tha Toby beag trì mìosan a dh’aois. Bidh a’ chiad Nollaig aige san dachaigh ùr.

[Sandra Fhriseal] ’S e àm uabhasach trang a bhios ann an-dràsta, sin le Toby an leanabh ùr agam, chan eil e ach trì mìosan a dh’aois. Àm uabhasach exciting a th’ ann leis an Nollaig ’s a h-uile càil anns an taigh ùr. Tha sinn uabhasach toilichte. Tha e ciallachadh tòrr dhòmhsa a bhith a’ fuireach ann an seo còmhla ris an teaghlach agam. Thogadh mise ann an Seileabost, dìreach dà mhìle sìos an rathad agus tha dà bhalach bheag agamsa a-nis agus tha mi ag iarraidh gun tèid an togail anns an àite seo.

[Ruaraidh Rothach. – Neach-aithris] A bharrachd air a bhith ri fhaotainn aig màl reusanta cha bu chòir na taighean seo a bhith ro dhaor an cumail blàth. A bharrachd ’s e air source teasachaidh a thathas a’ cleachdadh agus tha an dàrna leth dhen dealan a’ tighinn bhon chrann-gaoithe seo cuideachd.

[Iain MacÌomhair] Tha mi creidsinn g’ eil na taighean seo, g’ eil iad cho blàth ’s cho seasgair ri taighean sam bith a tha anns an eilean. ’S mar a tha thu ag ràdh tha an dealan teasachaidh a’ toirt teas bhon èadhar ’s tha dealan a’ tighinn bho na rothan gaoithe ’s tha sinn a’ creidsinn gum bi na taighean seo cho saor an ruith ri càil a gheibh thu anns na h-eileanan no air fad san Rìoghachd tha mi creidsinn.

[Ruaraidh Rothach. – Neach-aithris] ‘S e am ministear airson taigheadais Caoimhin Stiùbhart a dh’fhosgail na taighean gu h-oifigeil na bu thràithe an-diugh. Tha esan ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha leasachadh mar seo dhan sgìre.

[Caoimhin Stiùbhart BPA] It’s absolutely vital that we have developments like this across Scotland’s rural and island communities. And that’s why the government’s ambition to deliver 50,000 affordable houses across Scotland, 35,000 of those for social rent is as important here in Harris as it is in Glasgow or in Aberdeen.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Leis a’ mhaoineachadh a tha buidheann taigheadais Innse Gall a’ faighinn, ‘s urrainn dhaibh 35 taighean a thogail sa bhliadhna. A bheil seo gu leòr?

[An Comh Tormod MacLeòid] Dh’fheumadh sinne tòrr a bharrachd taighean, suas gu 50 dachaigh anns a’ bhliadhna thogail airson feuchainn ri dèiligeadh ri na trioblaidean a th’ againn le daoine feitheamh son dachaighean fhaighinn. Ach an dèidh sin tha sinn taingeil dhan Riaghaltas, taingeil dhan mhinistear, dhan èisteachd a thug a dhuinn an-diugh agus an t-ionmhas a tha iad an dèidh bhith toirt dhuinn thairis air na sia seachdainean mu dheireadh agus na gealltanasan a tha iad a’ toirt dhuinn. Nan tigeadh sinn thuige dh’iarraidh ionmhas airson ‘s dòcha dachaighean airson seann daoine, dachaighean le ceithir agus ‘s dòcha còig rumannan-cadail, gum bi iad deònach bruidhinn rinn.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ruaraidh Rothach, BBC An Là, Pàirce Niseaboist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!