FaclairDictionary EnglishGàidhlig

10 years of Lewis Camanachd 10 bliadhna de Chamanachd Leòdhais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

10 bliadhna de Chamanachd Leòdhais

[Doneil MacLeòid – Preseantair] ’S e latha cudromach a bh’ ann an-diugh do club camanachd Leòdhais. Tha 10 bliadhna ann chun an latha a chaidh an club a stèidheachadh às ùr, an ceann-là a’ toirt dhan sgioba coimhead air ais agus air adhart agus tha iad a’ gluasad dhan t-seachdamh seusan aca anns na lìogan nàiseanta. Tha an aithris seo aig Dòmhnall MacLaomainn.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] “Tuitidh sneachd air an Sahara mus bi iomain ann an Leòdhas.” Seann bhriathran a bha fhathast fìor ’s dòcha 10 bliadhna air ais. Ach, tro obair chruaidh agus iomadh buille ghoirt, thàinig e gu bith air an latha-sa deich bliadhna air ais, gun deach club iomain a stèidheachadh às ùr ann an Leòdhas.

[Donnchadh Mac an t-Saoir] And all we were really doing then was just showing them how to play shinty on an astro turf, which wasn’t ideal, and we were also showing guys who had never actually played a competitive game. So it was difficult, but good to see the enthusiasm even back then. But yeah it was difficult, difficult times you know. We knew that we needed competitive shinty, you know, to bring these guys on so yeah, those were the main challenges then.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Thòisich an sgioba ann an 2007 a’ gabhail pàirt sna cupannan air tìr-mòr. Ach, cha robh sin toirt dhaibh ach ’s dòcha ghèam sa bhliadhna. Ma tha an sgioba gu bhith maireannach tha feum air ceum na motha.

[Pòl Duke] Nuair a chaidh sinn a-steach dhan lìog, gum biodh na sgiobannan a bha sinn a’ cluich nas fhaisge oirnn fhèin agus far a robh an gèam againn fhèin a’ dol agus cuideachd bha sgioba againn an Leòdhas agus cha robh na cothroman againn cluich aig an taigh so bha fhios againn gu robh feum againn a bhith siubhal beagan agus cluich nan geamannan air tìr-mhòr.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha iad a-nis air 6 bliadhna chur seachad sna lìogan nàiseanta is adhartas mòr ga dhèanamh an uair sin, leithid Cabar-Fèidh, Cill Mhàilidh, Loch Carrainn is Loch Abar air call nan aghaidh. chreideadh sin 10 bliadhna air ais?

[Pòl Duke] No, cha b’ urrainn dhomh smaoineachadh aig an àm mu dheidhinn far a bheil sinn an-dràsta agus far a bheil dùil againn a dhol. A thaobh na h-òigridh a tha tighinn a-steach dhan ghèam, an trèanadh a tha sinn a’ dèanamh le clann anns a’ bhun-sgoil, anns an àrd-sgoil agus a thaobh nan cluicheadairean a tha tighinn dhan sgioba againn fhèin. Tha sinn air ceum mòr a dhèanamh.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Agus mu dheidhinn nan 10 bliadhna a tha ri thighinn?

[Donnchadh Mac an t-Saoir] We’ve got a young squad, really young squad. If we can keep the squad of players together over the next 10 years you know, we’ll certainly, you know shintys a great game because it’s, you know, there’s no professional, you know, it’s an amateur game so money doesn’t come into it. You know, if you can build a pool of players then anything is possible with shinty. So looking forward to the next 10 years.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, Leòdhas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!