FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The launch of e-Sgoil Cur air bhog e-Sgoil

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Cur air bhog e-Sgoil

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise, chaidh 'm pròiseact foghlaim ùr e-sgoil a chur air bhonn gu h-oifigeil ann an Steòrnabhagh an-diugh. Tha e-sgoil a’toirt seachad foghlam air-loidhne do chloinn nach fhaigh na cuspairean sin anns na sgoiltean aca fhèin. Th' ùghdarrais ionadail eile air ùidh a nochdadh anns a’phròiseact aig Comhairle nan Eilean Siar. Bha Ruaraidh Rothach aig an fhosgladh oifigeil.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] ‘Si Cathraiche an Fhoglaim, Catriona Stiùbhart, a dh’ fhosgail togalach ùr e-sgoil air Sràid Fhrangan ann a Steòrnabhagh an-diugh. Bha i fhèin na sgoilear ann a-sheo uaireigin. Dh’ aidich i fhèin nach b’ ann an-dè a bha sin agus anns an latha an-diugh tha dùbhlain ro chomhairlean a h-uile cuspair a tha sgoilearan a’ lùiginn a lìbhrigeadh. Le e-ionnsachadh, tha e comasach clasaichean a thoirt seachad gu sgoil sam bith ann an sgìre sam bith.

[Catrìona Stiùbhart] Chan eil dòigh eile air faighinn thairis air na trioblaidean a th’ againn agus chan e a-mhàin an roinn agus a’ chomhairle ach comhairlean eile air feadh Alba gu lèir. Mar a thuirt thu tha gainead de thidsearan ann, gu h-àraidh ann an cuspairean mar Maths agus Saidheans agus tha sinn a’ faicinn na buaidh a th’ aige air feadh nan eileanan gu lèir. Bha sinn a’ teagaisg Maths mar seo ann am Bagh a’ Chaisteil an-uiridh, dh’obraich e mìorbhaileach math agus nuair a thòisicheas na sgoiltean air ais an ath-bhliadhn’ bidh iad ag ionnsachadh Fiosaigs bhon seo sìos dhan Phloc agus tha Gàidhlig mar a tha fios againn, tha i dol a-mach às an seo a dh’ Obar Dheathain.

[Cathy Mary Nic a’ Mhaoilein] Bheil sibh a’ coimhead air adhart ri na saor-làithean?

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Eisimpleir air mar a tha e-sgoil air leudachadh mar-thà air fhaicinn ann an Sgoil Shiaboist. Tha Cathy Mary Nic a’ Mhaoilein a’ teagaisg Gàidhlig do sgoilearan ann an Sgoil Hazlehead ann an Obar Dheathain.

[Cathy Mary Nic a’ Mhaoilein] Nuair a thòisich sinn an toiseach shaoil mi, “oh tha seo gu bhith eagalach duilich” ach, chan eil. Tha a h-uile càil a tha iad a’ dèanamh, ’s ann air-loidhne a tha e. ’S tha mise ga fhaicinn an sgrìobhadh ’s tha e uabhasach furasta dhomh a dhol a ràdha riutha, “siuthad, siuthad, theirig air ais an siud tha sin ceàrr agad, càite bheil thu faicinn na mearachd a rinn thu?” ‘S urrainn dhòmhsa sin a dhèanamh fhad ‘s a tha iad air mo bheulaibh ’s tha iad a’ dèanamh, tha iad ag obair air a’ chompiutair aca, air na laptops aca dìreach mar sin fhèin ’s tha mise faicinn tha iad a’ dèanamh.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] ‘S e Aonghas MacIllFhinnein ceannard na sgoile agus tha esan a’ faicinn na sgoile seo agus an t-ionnsachadh a thathas a’ toirt seachad mar leudachadh dhan choimhearsnachd air fad agus chan ann do chlann-sgoile a-mhàin.

[Aonghas MacIllFhinnein] Tha foghlam inbhich a’ tighinn fo bhratach e-sgoil a-nis cuideachd ’s chì mi an latha ’s chan fhad thuige far am bi an togalach tha seo tha sinn an dòchas fosgailte gu anmoch air an oidhche agus ’s dòcha fiù Disathairne fhèin far am faigh daoine cothrom a bhith tighinn a-steach a chleachdadh na h-uidheim a th’ againn airson cànan sam bith no cuspair sam bith a tha iad fhèin ag iarraidh rannsachadh ’s taic fhaighinn bho àitichean eile so tha sinn an dòchas gun tig leudachadh air anns an t-seagh sin cuideachd.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha a’ phròiseact aig ìre thràth ach tha seachd ùghdarrasan ionadail eile air ùidh a nochdadh agus tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur làn thaic ris. Le sin, ’s mathaid gur e an t-ionnsachadh eileagtronaigeach an t-ionnsachadh bòidheach. Ruairidh Rothach, BBC An

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!