FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Keeping the history of Steimreway alive A’ cumail eachdraidh Stìomrabhaigh beò

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

A’ cumail eachdraidh Stìomrabhaigh beò

[Màiri Rodgers – Preseantair] Feasgar math dhuibh. Tha còrr agus 70 bliadhna bhon a dh'fhalbh na daoine mu dheireadh a bha a' fuireach ann an Stìomrabhagh ann an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas. Tha na tobhtaichean fhathast rim faicinn - ach chan eil e furasta faighinn ann. Mar sin, tha muinntir na sgìre a-nis airson ath-leasachadh a thoirt air an t-slighe ann, mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Nan robh comas labhairt aig na ballachan seo, dh’innseadh iad sgeulachd baile às an robh uair suas ri 200 duine a’ tàmh. Ach ged a rinn iad strì chuireadh muinntir Stìomrabhaigh às an fhearann ann am meadhan na 19mh linne.

[Calum MacNeacail] ’S e briseadh cridhe bh’ ann fàgail an dùthaich aca an seo. Bha teaghlaichean gu lèir cruinn còmhla. ’S e coimhearsnachd a bh’ ann às gach baile ’s nuair a dh’fhalbh iad bha feadhainn dol suas ceann a tuath nan Loch, bha feadhainn a’ dol a Leumrabhagh, bha feadhainn a’ dol thall-thairis so bha e a’ briseadh na coimhearsnachd a bh’ aca.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Às dèidh a’ Chiad Chogaidh thill cuid a shinnsirean an fheadhainn a b’ fheudar falbh agus dh’fheuch iad ri coimhearsnachd ath-bheothachadh. Ach, cha robh cùisean càil na b’ fhasa dhaibhsan.

[Calum MacNeacail] ‘S dh’fhuirich iad seo airson cha mhòr 20 bliadhna ach chan e 20 bliadhna toilichte a bh’ ann. Cha robh iad a’ faighinn tòrr ghoireasan bhon chomhairle ’s bhon Riaghaltas, cha robh iad a’ faighinn rathad no bùrn. ’S mar sin, fhad ‘s a bha tìde a’ dol air adhart bha am beatha aca a’ fàs na bu duilghe ’s na bu duilghe.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha nas lugha na dà mhìle eadar Orasaigh agus Stìomrabhagh ach tarsainn talamh bog agus cnuic. Tha dùil gun dèan leasachadh air an t-slighe nas fhasa do bharrachd dhaoine a’ cheàrnaidh bheag iomallach agus tiamhaidh do Leòdhas a ruighinn.

[Calum MacNeacail] ’S e dìreach pìos beag dhen chuairt na h-eachdraidh de cheann a deas nan Loch fhèin, Orasaigh, Leumrabhagh agus Strìomrabhagh. Thug e buaidh mhòr air na Fuadaichean ann an ceann a deas nan Loch agus mar a chanas iad, the land struggle agus na gaisgich a rinn a’ chùis air na daoine a bha os an cionn agus a bha ag iarraidh nan daoine a chur far na talmhainn so mar sin b’ e eachdraidh uabhasach inntinneach a bh’ ann agus leis an airgead a tha sinn an dùil sin a chumail beò, cumail daoine tighinn a dh’ Orasaigh agus Stìomrabhagh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Stìomrabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!