FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Galson Estate Trust celebrates 10 years 10 bliadhna de dh' Urras Oighreachd Ghabhsainn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

10 bliadhna de dh' Urras Oighreachd Ghabhsainn

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Thathas an-diugh a' comharrachadh gu bheil deich bliadhna ann bho cheannaich muinntir cheann a tuath Leòdhais an cuid fearainn. Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn a' foillseachadh grant ùr luach deich mìle not son a' chlach-mhìle a chomharrachadh agus ro-innleachd airson an ath 20 bliadhna -xxxx ?? fom bi cùram do sheann daoine san sgìre na phrìomhachas. Tha 'n aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ’S ann ann an 2001 a thòisich an obair airson Oighreachd Ghabhsainn a chur ann a' làmhan an luchd-còmhnaidh. Bha feadhainn a bha sàs ann bhon fhìor thoiseach aig cuirm an-diugh a’ comharrachadh deich bliadhna bhon a rinn iad sin.

[Seumas Dòmhnallach] Mar tha mise ga fhaicinn co-dhiù, ’s ann as fheàrr a bhios a’ dol agus ’son an ath ghinealach san ath ghinealach a tha e, chan ann dhuinne. Tha sinn seachad air an aois agus tha ach tha mi ga fhaicinn gu bheil agus gur e rud uabhasach math a bh’ann ged a bha gu leòr na ur n’ aghaidh aig an àm tha mi ga fhaicinn gur e rud math a th’ann. Rinn sinn e agus chuir sinn air adhart e

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] An-diugh tha naoinear ag obair dhan urras agus tha na cruinn-ghaoithe seo a’ cosnadh suas ri £300,000 anns a’ bhliadhna dhaibh. Airson clach-mìle 10 bliadhna a chomharrachadh, bidh grant luach £10,000 ri fhaotainn do bhuidhnean coimhearsnachd.

[Agnes Rennie] Às aonais na teachd-a-steach a tha tighinn bho na muilnean-gaoithe, ’s e glè bheag de teachd-a-steach eile a tha tighinn chun na h-oighreachd seo. Bhiodh teachd-a-steach ann ceart gu leòr bho màl nan croitearan agus bho bhith reic fearann ri na diofar buidhnean samhail na buidhnean a tha a’ cur an àirde cruinn airson nam fònaichean-làimhe ’s mar sin air adhart. Ach gu sìorraidh cha bhiodh teachd-a-steach agad a leigeadh dhut obair mhòr a dhèanamh agus gu cinnteach cha bhiodh teachd-a-steach ann a tha a’ leigeil dhuinn an-diugh airgead a chur a-mach air ais dhan choimhearsnachd.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bidh ro-innleachd airson an ath 20 bliadhna a’ toirt prìomhachas do thurasachd, croitearachd agus le faisg air leth na coimhearsnachd nas sine na 65 do chùram do sheann daoine.

[Anna NicSuain] ’S e a’ bhochdainn nach eil goireas idir, idir againn an-diugh anns a’choimhearsnachd dha na seann daoine. Feumaidh feadhainn a' dhol cho fada ris an t-Ob, ceann a deas na Hearadh agus chun an Tairbeart airson a bhith ann an dachaigh-chùraim. Chan eil fiù goireas eadar-amail againne son coimhead as an dèidh mar a chleachd a bhith ann an Dail fo Dheas. Agus tha mi smaoineachadh gur e sin, gu bheil e math gur e sin fear de na prìomh phrìomhachasan a th’ aig an urras. Agus tha na buidhnean a tha anns a’ choimhearsnachd gu math dèonach taic a thoirt dhan urras airson dèanamh cinnteach gum bi goireas againn a dh’aithghearr anns a’choimhearsnachd seo.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha an t-urras ag ràdh gu bheil còmhraidhean air tòiseachadh mar-thà le Buidheann Cùraim is slàinte nan Eilean Siar. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Oighreachd Ghabhsainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!