FaclairDictionary EnglishGàidhlig

St Jerome's Centre in Kenya Dachaigh-cùraim Naomh Jerome ann an Ceinia

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Dachaigh-cùraim Naomh Jerome ann an Ceinia

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha tè à Uibhist a Deas a stèidhich dachaigh do dhìlleachdain ann an Ceinia ag ràdh gu bheil mar a thuit luach an nota bho chionn ghoirid air buaidh mhòr a thoirt air an teachd-a-steach aca agus an cuid obrach. Dh’fhosgail Gemma Steele an dachaigh ann an Nakuru ann an 2012. Bha ochdnar chloinne ann an uair sin. An-diugh tha 33 a’ fuireach ann, ’s iad a’ faighinn fasgadh, biadh agus cùram meidigeach. Ach tha Gemma ag ràdh gu bheil an not ìosal a’ fàgail gu bheil iad air mu £600 anns a’ mhìos a chall agus gu feum iad a-nis sùil gheur a thoirt air a’ bhuidseat aca. Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Dh’fhosgail dachaigh-cùraim Naomh Jerome ann an Nakuru ann an 2012. B’ e a’ bhan Uibhisteach, Gemma Steele, a bha os cionn na h-iomairt. Tha iad air a dhol bho neart gu neart bhon uair sin ach ’s e cho lag ‘s a tha an not agus cho làidir ’s a tha an t-airgead Ceinianach aig a’ cheart àm, a’ fàgail gu bheil iad a’ call mu £600 not anns a’ mhìos.

[Gemma Steele] An aon àite far a bheil sinn a’ faireachdainn na buaidh as motha ’s ann air a’ bhiadh. B’ àbhaist diet glè mhath a bhith aig a h-uile pàiste ann an St Jerome’s. Sa mhadainn, brochan agus an uair sin son a’ bhiadh, rice ’s beans. Is air an oidhche, dà thrup san t-seachdain b’ àbhaist dhuinn feòil fhaighinn agus bhiodh sinn air measan fhaighinn tron t-seachdain ’s dòcha ceithir no còig latha ach a-nis, a’ mhòr-chuid dhen ùine tha a’ chlann ag ithe an aon rud a h-uile latha. Chan eil iad a’ faighinn feòil idir.

[Gemma Steele] Uill tha feòil againn an-diugh, cabbage agus currain agus feòil, buntàta agus peas, ’s e Ndengu an t-ainm a th’ air, Ndengu. Tha e math, bidh mise ag ionndrainn a’ bhidhe nuair a tha mi ann an Alba. Tha e math agus tha e math dhut.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha iad an-diugh a’ coimhead às dèidh 33 pàistean ach tha staid an cuid ionmhais a’ ciallachadh nach urrainn dhaibh barrachd chloinne a thoirt a-steach ged a tha liosta feitheimh fada aca.

[Gemma Steele] B’ àbhaist dha bhith £1.50 gach latha, a-nis the e nas coltaiche ri £2-3 gach latha. Ma bha sinne faighinn sin a bharrachd gach mìos, bhiodh fhios againn co leis a tha sinn ag obair airson na mìos ri thighinn. Tha mi dòchasach, aig toiseach a h-uile mìos, tha mi dòchasach gu bheil e air a dhol nas àirde ach tha e dìreach a’ dol suas is sìos is suas is sìos so bidh mi dèanamh tòrr obair a thaobh dè as urrainn dhuinn a dhèanamh, dè is urrainn dhuinn a shàbhaladh, ciamar as urrainn dhuinn sin a dhèanamh agus buidseat ùr a chur an sàs airson a’ chlann a th’ againn a chumail fallain agus a chumail toilichte.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha Gemma a’ dèanamh deiseil airson a dhol a-mach a Cheinia aig deireadh na mìos, feuch am faigh i air cùisean a rèiteach. Eilidh NicLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!