FaclairDictionary EnglishGàidhlig

US Catamaran washes up on South Uist Bàta bho na Stàitean a’ tighinn air tìr an Uibhist a Deas

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Bàta bho na Stàitean a’ tighinn air tìr an Uibhist a Deas

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Uill ma chuir am botal à Innis Tìle iongnadh air muinntir Thiriodh, fhuair muinntir Uibhist a Deas tiodhlaic tòrr nas motha bhon mhuir. Thàinig slige bàta air tìr ann an sin agus cha tug e ro fhada do mhuinntir na sgìre faighinn a-mach às a thàinig an catamaran agus a dh'fhàg i bun os cionn air tràigh Chille Pheadar. Chaidh Shona NicDhòmhnaill a' rannsachadh dhuinne.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] An dèidh do reothairt tràigh Chille Pheadair a' chòmhdachadh le stamh, ’s e croitear a’ tighinn ga chruinneachadh airson obair an earraich as coltaiche fhaicinn. Ach an-diugh, am measg an fheamainn, tha catamaran ann. Tha i 42 troimhe a dh’fhaid, bun os cionn agus air a còmhdach le feusganan.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S iomadach rud annasach a th' air tighinn air tìr air taobh an iar Uibhist. Ach an-diugh ge-tà, le teicneòlas tha e cho furasta tuilleadh fiosrachadh fhaighinn air agus an sgeulachd a th’air a chùlaibh.

[Ruairidh MacLeòid] Chaidh mi ruith a-null ga coimhead faicinn an coltas agus mheudachd a bh’ innte ’s leithid sin. ’S bha agam an uair sin a dhol air, mar a chanadh iad, google, faigheamaid a-mach seòrsa bàta bh’ann. Bha an t-ainm aice sgrìobhte air a’ chliathaich aice Alpha 42 a bha fo a reinge - an type bàta a bh’ann. Is, rinn mi a-mach an uair sin às a thàinig i. Bha i an dèidh tighinn a null às na Stàitean.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Dh’fhàg am ‘Be Good Too’ stàit New York air an 8mh den Fhaoilleach 2014 le ceathrar air bòrd. Bha iad a’ dèanamh air Eileanan na Maighdinn aig na Stàitean Aonaichte. Ach thòisich trioblaidean a’ nochdadh trì latha an dèidh sin agus mu dheireadh thall, air a’ cheathramh latha den Fhaoilleach, b’ fheudar dha na maor-chladaich cobhair a dhèanamh air a' chriutha. Tha am bàta air a bhith aig muir bhon uair sin gus an tàinig i air tìr an-dè. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann an Uibhist a Deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!