FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Message in a bottle Teachdaireachd ann am botal

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Teachdaireachd ann am botal

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Uill 's iomadh duine a tha air a bhith ris a' chleas - a' cur teachdaireachd ann am botal - ga thilgeil dhan mhuir le dòchas gun tèid a thogail le cuideigin, am badeigin, an ceann-ùine. Sin a rinn prògram telebhisean saidheans ann an Innis Tìle bho chionn bliadhna. Nise cha b' e cleas a bha seo, ge-tà, ach oidhirp sealltainn na tha tachairt le sgudal a bha ga thilgeil dhan mhuir. Agus sheall an uidheamachd GPS a bha ceangailte ris a' bhotal seo gu bheil e a' dol astar gu math fada. Chaidh am botal seachad air a' Ghraonlainn agus air Canada, mus tàinig e air tìr ann an Tiriodh. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Leis an eilean fosgailte dhan Chuan Shiar, tha iomadh rud a’ nochdadh air cladaichean Thiriodh gach bliadhna. San Fhaoilleach an-uiridh chuir luchd-saidheans, ann an com-pàirt le prògram telebhisein, dà bhotal sa mhuir far costa Innis Tìle.

[Ævar Þór Benediktsson] Kind of two ideas. One - I just wanted to see if it would be available to track messages in a bottle because many kids have tried throwing bottles with messages in them into the sea and some of them never reach shore again and I wanted to see where they would go – that’s one reason. And the other reason is that I wanted to show kids that if you throw something in the sea, like garbage or just anything, it doesn’t disappear, it goes on a trip and it ends up somewhere. So we have to be very careful what we do.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus an-dè, thàinig am botal sònraichte air tìr, aig Mìodar air iar-thuath Eilean Thiriodh.

[Rhoda Meek] Seo ma-thà am botal agam. Chan e botal a th’ ann, gu fìrinneach ach tha botal na bhroinn agus ma ghabhas sinn sùil an seo chì thu ‘s dòcha an teachdaireachd: ‘Message in a bottle. Scientific project.’ Càil a dh’ fhios am dè nì mi leis a-nise ach thèid sinn dhachaigh agus feuchaidh mi ri grèim fhaighinn air na daoine.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Bha dùil aig an luchd-saidheans gum biodh am botal air Nirribhidh a ruighinn ach thug e slighe diofraichte. Dè am fiosrachadh eile a gheibh iad bhon bhotal?

[Ævar Þór Benediktsson] GPS trackers that are put into bottles are usually used, they are used for example when they are tracking birds and bird movements. Now that we’ve seen that you can use this for all sorts of projects.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] A-nis feumaidh Rhoda foil meatailt a chur timcheall a’ bhotail agus a chur sa phost air ais gu Innis Tìle. Is cinnteach nach toir e bliadhna airson na cuairt dhachaigh ge-tà. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!