FaclairDictionary EnglishGàidhlig

70 years married 70 bliadhna pòsta

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

70 bliadhna pòsta

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise tha cupal à Leòdhas an-diugh a' comharrachadh clach-mhìle nach ruig mòran. Tha 70 bliadhna ann bho phòs Rhoda agus Ailean MacFhionghain. Choinnich iad ann an Glaschu aig àm an Dàrna Cogaidh agus ‘s e dhe na nàbaidhean aca an tè-naidheachd againne, Eilidh NicLeòid, agus chaidh Eilidh a chèilidh orra nan dachaigh ann am Brù air taobh siar Leòdhas, feuch ciamar a tha iad a’ comharrachadh an latha.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Thachair Rhoda ’s Ailean MacFhionghain ann an Glaschu aig àm an Dàrna Cogaidh agus phòs iad, anns a’ bhaile sin, bhliadhna às dèidh dha crìochnachadh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] tha sinn a’ faicinn an sin a Rhoda?

[Rhoda NicFhionghain] Tha cupal eireachdail!

[Ailean MacFhionghain] Tha mi glè riaraichte gun d’ fhuair mi i, glè thaingeil gun d’ fhuair mi i dhomh fhìn!

[Rhoda NicFhionghain] Catriona Abie agus Iain Gunn agus Ceitidh Mary.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] An-diugh, bidh iad a’ comharrachadh 70 bliadhna bhon a thogadh an dealbh. Fhuair air ceathrar chloinne, deichnear oghaichean agus seachdnar iar-oghaichean. Mar a tha an seanfhacal a' dol, “tha am pòsadh mar seillean, tha mil ann agus tha gath ann.”

[Rhoda NicFhionghain] Bhiodh argamaidean againn. Ach bha foighidinn…

[Ailean MacFhionghain] Up and down!

[Rhoda NicFhionghain] Up and down ach bha foighidinn againn. ‘S bha esan, bha foighidinn, bha e cho, fhios agad bha e…

[Ailean MacFhionghain] Tolerant

[Rhoda NicFhionghain] Bhiodh sinn a’ dèanamh rèidh mu dheireadh. Bha mo bheachd fhìn agamsa ‘s bha bheachd fhèin aigesan. Ach a-nise cha sheasadh an argamaid.

[Ailean MacFhionghain] Tha mise a-riamh, bha mi, bha taobh a’ bhìobaill orm agus bha an fhìrinn, bha fìrinn ann a bha ag ràdh “biodh fearg oirbh ach na laigheadh grian air bhur corraich.”

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha a’ chàraid fhathast a’ fuireach anns an taigh aca fhèin le taic an teaghlaich agus luchd-cùraim. Bidh Ailean 97 anns a’ Mhàirt agus bidh Rhoda 94 anns an Lùnastal. An-diugh ge-tà, ‘s e a bhith còmhla cho fada a bhios iad a’ comharrachadh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] sibh rudeigin còmhla tha mi cinnteach? Bidh sibh...

[Ailean MacFhionghain] Tha mi creids’ gun gabh sinn biadh air choreigin agus glainne bhranndaidh

[Rhoda NicFhionghain] Gabhaidh, gabhaidh. Còmhla ri na tha sinn a' gabhail a thablets!

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An ann am Brù.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!