FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Repair work on Kirkmichael Church Obair càraidh air Eaglais Chille Mhìcheil

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Obair càraidh air Eaglais Chille Mhìcheil

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Tha obair càraidh air seann eaglais eachdraidheil anns an Eilean Dubh a’ tighinn gu crìoch agus tha Urras Cille Mhìcheil an dòchas gum bi i fosgailte don phoball aig deireadh a’ Ghiblein. Ach tron obair, air an làraich tha iad air rudan a bharrachd ionnsachadh, mun eaglais agus na daoine a bha san sgìre. Chaidh Seonaidh MacCoinnich ann dhuinne a dh’ fhaicinn an adhartais a thathas air a bhith dèanamh leis a’ phròiseact.

[Davine Nic An t-Sutharlanaich] Chaidh an eaglaise a stèidheachadh anns na Meadhan Aoisean, ron 15mh linn, an toiseach leis a’ pharaiste aice fhèin agus bho 1662, còmhla ri Eaglais Cùl a’ Chùdainn, mar pharaiste ùr Ruith Sholais. Agus chaidh trì eaglaisean an cleachdadh aig an àm seo mar pharaiste uabhasach mòr, paraiste gu math beairteach a bh’ ann aig an àm sin.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach thairis air na bliadhnaichean thuit an eaglais às a chèile agus tha an cladh ann an droch staid. Anns an Ògmhios an-uiridh, thòisich Urras Cille Mhìcheil air obair càraidh air an làraich agus chaidh stuth inntinneach a lorg.

[Dr Seumas MacAoidh] We had to remove surplus soil from the nave and my word, what things we found in there, we found a whole pile of coins dating back to the 1600s. We found a prehistoric flint; a flint arrowhead which we think was probably placed with one of the graves as a good luck charm. There is only one Gaelic inscription in the whole of Kirkmichael, which is very, very surprising because at the time that stone was erected, the early 1800s, just about every single person in the parish spoke Gaelic.

[Dr Seumas MacAoidh] This is the stone to an elderly and devoted servant of the Gunn / Munro family. The Gunn / Munros are buried within the mausoleum here but because the lady here wasn’t actually a member of the family, they wanted her close to the family but not actually inside the mausoleum.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach b’ e an rud bu chudromaiche, gum bu chòir mullach na h-eaglaise a chur ceart.

[Davine Nic An t-Sutharlanaich] Chì thu gum bi mullach ùr ann, ach a’ cleachdadh nan sglèataichean a bha ann cho fad ‘s a ghabhas. ‘S tha clachan agus sglèataichean ùra ann cuideachd agus bhon sgìre ionadail agus tha iad air an cleachdadh le dòighean obrach traidiseanta. Agus chì thu gu bheil mullach spaideil ùr ann.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Fhuair daoine cothrom cuideachd a bhith an sàs sa phròiseact agus sgilean traidiseanta ionnsachadh. Tha an t-Urras an dòchas gum bi an eaglais fosgailte don phoball a-rithist sa Chèitean. Seonaidh NicCoinnich, BBC An Là, An t-Eilean Dubh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!