FaclairDictionary EnglishGàidhlig

40 years of Acair 40 bliadhna bho thòisich Acair

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

40 bliadhna bho thòisich Acair

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha am foillsichear Acair a’comharrachadh 40 bliadhna bho chaidh a chur air dòigh. Chaidh a' chompanaidh a stèidheachadh airson leabhraichean Gàidhlig fhoillseachadh do chloinn-sgoile. An-diugh ge-tà, tha 'd a' foillseachadh iomadh seòrsa leabhair, gach cuid ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Ach le uimhir ga fhoillseachadh air-loidhne a-nis, cho cinnteach 's a tha an t-slighe a tha romhpa? Tha an aithris-sa aig Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Bha cruinneachadh an oifis Acair ann an Steòrnabhagh airson comharrachadh g' eil an companaidh san 40 bliadhna bho chaidh a thòiseachadh. Bha dìth leabhraichean freagarrach ann aig an àm do chlann-sgoile gu h-àraidh agus le taic bho trì ùghdarrasan ionadail, chaidh an companaidh a chur air chois.

[Iain Moireach] ‘S e rud caran annasach a bh’ ann, gu robh an companaidh a bha seo stèidhichte le luchd-urrais a bha nan comhairlichean agus a bha air gealltainn gum pàigheadh iad ’s gun ceannaichidh iad leabhraichean.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] An-diugh tha tòrr nas lugha dhe na leabhraichean a th' iad a’ foillseachadh a’ dol dha na sgoiltean agus iad a’ feuchainn air margaid nas fharsainge.

[Agnes Rennie] Càil a tha na sgoiltean a’ ceannach, ’s ann air sgàth gu bheil e freagairt ’s mathaid aig an àm air rudeigin air a bheil ùidh aig tidsear fhèin. No gu bheil e freagairt air cuspair sònraichte a thathas a’ dèanamh aig an àm. ’S mar sin dheth, tha an àireamh a leabhraichean a tha Acair agus foillsichearan eile gu dearbha a’ reic a-steach dha na sgoiltean air crìonadh gu mòr.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ach bha Acair cuideachd ga choimhead cudromach leabhraichean a thoirt do Ghàidheil anns an dualchas aca fhèin.

[An Oll. Fionnlagh MacLeòid] Uill bhon fhìor thoiseach, bhathas airson leabhraichean fhaighinn a bha seirm agus a’ moladh agus a’ foillseachadh an dualchais dham buineadh sinn. Agus cha b’ e turchartas a bh’ ann, an dearbh chiad leabhar, ’s ann mu dheidhinn na h-Iolaire a bha e, Call na h-Iolaire. Às dèidh sin, chaidh leabhraichean mu dheidhinn diadhachd, ‘People of the Great Faith,’ leabhraichean mar sin a bha cho ùr agus cho buileach feumail dha dualchas a bhathas a’ neartachadh.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Bha dùil bho chionn deich bliadhna gu robh latha nan leabhraichean gu bhith seachad agus gu faighear stuth leughaidh gu lèir air-loidhne ‘s gu robh làithean companaidhean foillseachaidh a’ tighinn gu ceann.

[Agnes Rennie] Chan e sin a tha air tachairt idir. Tha a’ mhargaid air seasamh ri leabhraichean pàipeir. Tha e mar gum biodh a’ mhargaid a tha lorg leabhraichean-e, tha i mar gum biodh i air suidheachadh agus tha sin a’ fàgail gu bheil àite ann fhathast airson gach cuid.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha seo chun an ath 40 bliadhna, às bith bhios ann an uair sin. Aonghas Dòmhnallach, BBC An Là, ann an Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!