FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Joy over Gaelic Medium Education in Glasgow Toileachas mu fhoghlam Gàidhlig Ghlaschu

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Toileachas mu fhoghlam Gàidhlig Ghlaschu

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan] Tha pàrantan ann an Glaschu a' dèanamh gairdeachas ’s a h-uile teaghlach a dh'iarr àite ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhaile san Lùnastal, air soirbheachadh. 'S e faochadh a th'ann do mhòran, leis gu robh aig cuid de theaghlaichean ri tagraidhean a dhèanamh an-uiridh. Ach, chan eil an strì seachad buileach fhathast, mar a tha Caitriana Deeprose ag aithris.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] Bha aig pàrantan ri strì an-uiridh nuair a chaidh àitean a dhiùltadh dhaibh aig Bun-sgoil Ghleann Dail, ’s bha a h-uile dùil aca gun tachradh an aon rud a-rithist am-bliadhna.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] Fhuair pàrantan fios gu robh 40 air àite fhaighinn sa sgoil, is còrr is 24 aig Sgoil Ghàidhlig a’ bhaile. Bidh Iain Eàirdsidh, mac Sarah NicFhionghain, nam measg.

[Sarah NicFhionghain] A rèir choltais fhuair a h-uile duine staigh gun Sgoil Ghàidhlig agus gu Gleann Dail so, tha sin math, gu h-àraidh às dèidh an-uiridh, na thachair agus gun robh tòrr ùpraid ann agus gu robh duilgheadasan aig feadhainn de na pàrantan, fhios agad. Chan eil thu a-riamh a’ smaoineachadh gum biodh rudeigin mar faighinn àite sa sgoil cho doirbh, gu h-àraidh nuair a tha thu bruidhinn mu dheidhinn Gàidhlig sa bhaile mhòr, fhios agad. Tha e dìreach cho math gu bheil sinn uile ann agus gu bheil, fhios agad a’ chlann a tha còmhla agus a tha eòlach air a chèile sa sgoil-àraich an-dràsta, gum bi iad a’ dol dhan sgoil còmhla cuideachd.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] Tha Eilidh NicFhionghain a’ cur fàilte air an naidheachd. Bha aice ri strì mhòr a dhèanamh an-uiridh, gus àite fhaighinn dha a mac aig Sgoil Ghleann Dail.

[Eilidh NicFhionghain] ‘S e naidheachd fìor mhath a th’ ann. Tha sinn uabhasach fhèin toilichte airson a h-uile teaghlach a bha cur a-staigh airson nan sgoiltean am-bliadhna sa. Fìor deagh naidheachd, cha robh sinn idir a’ smaoineachadh gun tachradh e mar seo, bha sinn a’ smaoineachadh gum biodh strì ann a-rithist agus tha e cho math nach fheum teaghlaichean a dhol tron sin a-rithist.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] Tha pàrantan a’ cumail orra a strì ge-tà agus a’chomhairle a-nis a’ beachdachadh air an treas sgoil a stèidheachadh sa bhaile is chòrdadh e riutha àrd-sgoil fa leth fhaicinn uaireigin san àm ri teachd.

[Eilidh NicFhionghain] Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun tachair an treasamh sgoil, tha sin uabhasach cudromach agus cuideachd gum bi e a’ tachairt, gum bi e freagarrach, gum bi e air a stèidheachadh anns an àite ceart sa bhaile agus cuideachd gum bi e mòr gu leòr airson a h-uile duine a tha airson faighinn a-staigh agus iad ag iarraidh faighinn a-staigh an-dràsta, ach ann am bliadhnaichean ri teachd cuideachd. Ach a bharrachd air sin, a' dol air adhart, ‘s e a bhith smaoineachadh air àite ’s dòcha àrd-sgoil ùr no àrd-sgoil fa leth son a’bhaile.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] Tha comhairle baile Ghlaschu a dealbhachadh pàipear air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thèid mu choinneamh comhairlichean anns na seachdainean a tha romhainn. Caitriana Deeprose, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!