FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Fort William Mountain Festival Fèis nam Beann anns a’ Ghearasdain

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Fèis nam Beann anns a’ Ghearasdain

[Karen Elder – Preseantair] Nise, tha Fèis nam Beann anns a’ Ghearasdain a’ tòiseachadh an-dràsta fhèin. Seo a còigeamh turas deug a tha i air a bhith anns a’ bhaile. Eadar seo agus deireadh na seachdaine, tha dùil gun tig mu dhusan mìle duine chun a’ Ghearasdain gus òraidean a chluinntinn, a thuilleadh air filmichean, bùithtean-obrach agus taisbeanaidhean fhaicinn. Uill, tha an tè-naidheachd againn, Cara Coburn, anns a’ Ghearasdan an-dràsta dhuinne. Cara, tha mi a’ tuigsinn gu bheil i na turadh a-nis.

[Cara Coburn] Yeah, tha sin ceart. Chan eil an t-uisge air stad. Nise, cha do chuir an t-uisge dragh air muinntir na sgìre idir is iad uile air tighinn a-mach gus taic a thoirt dhan tachartas. Ach mar a tha fios againne, tha an aimsir mar phàirt chudromach den Fhèis agus dha-rìribh cudromach do dhuine sam bith a tha a’ dol a-mach air na beanntan. Nise, còmhla rium an-dràsta, tha Eilidh Sykes, is ise na pàirt dhen gnìomhachasan sgìthidh.

[Cara Coburn] Nise Eilidh, an innis thu beagan dhomh mu dheidhinn dè tha romhainn san Fhèis seo?

[Eilidh Sykes] Uill, dìreach an-dè an oidhche fosglaidh fiadhaich math a bha sin, tha trì oidhcheannan spòrs a-muigh againn, tha oidhche sreap a’ gheamhraidh ’s an uair sin, tha oidhche ruith a tha air a bhith gu math poballach, is an uair sin, tha oidhche air Didòmhnaich, na Best of Banff agus sin far am bi sinn a’ sealltainn uile na filmichean bho air feadh an t-saoghail a bhuannaich aig am Banff Film Festival.

[Cara Coburn] Agus ’s e rud math a th’ ann an seo dhan bhaile, nach eil?

[Eilidh Sykes] ’S e àite gu math làn de spòrs a-muigh agus tha spòrs a-muigh gu math cudromach anns a’ Ghearasdan gu h-àraidh leis a’ sgìtheadh agus Beinn Nibheis cho faisg rinn. ’S mar sin, ’s e deireadh seachdain fiadhaich math a th’ ann airson a h-uile duine a bhith a’ tighinn a-mach agus a’ riochdachadh spòrs a-muigh.

[Cara Coburn] Agus dè tha thu fhèin a’ coimhead air adhart ris a bhith a’ gabhail pàirt ann no a’ dèanamh?

[Eilidh Sykes] Uill, tha oidhcheannan film saor gu bhith ann air feasgar Dhidòmhnaich agus tha sin a’ cur fàilte air an teaghlach is a h-uile duine is tha mi gu math toilichte a chluinntinn gum bi Noel Williams, a’ buannachadh duaisean airson an sàr obair aige leis am Mountain Rescue agus gu h-àraidh the Best of Banff. Tha sin daonnan air leth.

[Cara Coburn] Tapadh leibhse, Eilidh. Nise, mar a tha sinn air cluinntinn bho Eilidh, tha iomadh tachartasan gu bhith ann anns na còig latha a tha romhainn. Nise, na bu thràithe an-diugh, bhruidhinn sinn ri eòlaiche cur-seachadan a-muigh agus seo e an-dràst’.

[Calum MacIlleathain] Chanainn gur h-e rud air leth a th’ ann dhan sgìre. Chuala mi gu bheil còrr is mìle neach ga thàladh dhan sgìre ach a bharrachd air sin mun cuairt A’ Ghearasdain tha coimhearsnachd gu math làidir agad, gu h-àraidh a thaobh streap agus a thaobh mar eisimpleir a’ ruith anns na beanntan, rothaireachd-beinne. Agus dhaibhsan, ’s e fìor deagh rud aig an àm seo den bhliadhna, nuair a tha na h-oidhcheannan fhathast gu math goirid, cruinneachadh le chèile, daoine a thàladh a-staigh, seusan meadhanach sàmhach anns a’ Ghearasdan, gu h-àraidh am-bliadhna leis nach eil mòran sgìthidh a’ dol anns an àite, ’s e cothrom a th’ ann do dhaoine, fiù ’s daoine beagan obair fhaighinn mar phàirt dheth agus cuideachd dìreach beagan spòrs a ghabhail agus a’ coinneachadh ri barrachd dhaoine.

[Cara Coburn] Agus sin agaibh e bhuainne anns a’ Ghearasdan a-nochd às dèidh oidhche fosglaidh, gu math, gu math spòrsail.

[Karen Elder – Preseantair] Tapadh leibhse gu dearbha, Cara, an tè-naidheachd againne, Cara Coburn is i ag aithris o Fheis nam Beann anns a’ Ghearasdan.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!