FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A weather report Aithris na h-aimsire

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Aithris na h-aimsire

[Joy Dunlop] Feasgar math dhuibh uile. Uill, bha blàths an t-samhraidh air an aimsir an-diugh le greisean matha grèine ann am pailteas do mhòran. Seo is adhbhar dhan sin, brùthadh àrd a leigeil le èadhar, fada nas blàithe, sruthadh a-nìos. Ach tha sin a’ ciallachadh gum faireachaidh i nas fhuaire air an oidhche an taca ri teòthadh àrd an latha.

[Joy Dunlop] Anns a’ chumantas a-nochd, ’s ann tioram a bhios i le sgòth a’ drùdhadh a-staigh gu tuath ach anns an fharsaingeachd, bidh i tioram le greisean de dh’iarmailt shoilleir rim faicinn agus mar sin, tha teans ann gum faicear reòthadh cuideachd, gu h-àraidh far a bheil an teòthachd faisg air ìre reòthaidh, ’s i a’ ruigsinn seachd Celsius anns na h-Eileanan Siar far a bheil i fo sgòth.

[Joy Dunlop] The teans ann cuideachd ceò agus sgleò fhaicinn tron a’ mhadainn agus bheir e greiseag gus cuidhteas fhaighinn dhen an sin. Le tuilleadh sgòth a’ tighinn a-staigh gu siar mar a thèid an latha air adhart. Ach a dh’aindeoin sin, cha bhi i a’ faireachdainn fuar fhathast. An teothachd beagan nas ìsle na tha i air a bhith ach fhathast mu naoi no deich Celsius anns an fharsaingeachd. Sin e bhuamsa, oidhche mhath leibh uile.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!