FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new campaign to get tourists to take their time Iomairt ùr gus luchd-turais a chumail air an socair

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Iomairt ùr gus luchd-turais a chumail air an socair

[Karen Elder - Preseantair] Chuir a’ bhuidheann Skye Connect iomairt ùr air bhog an-diugh ’s iad ag amas air luchd-turais a chumail anns an sgìre barrachd na aon latha. Mar as trice, bidh daoine a’ cur seachad latha air an Eilean gus tadhail air àiteachan leithid Bodach an Stòir is Glumagan nan Sìthichean. ’S e Skye Time an t-ainm a th’ aca air an iomairt agus tha iad airson ’s gun gabh daoine air an socair fhad ’s a tha iad a’ cèilidh orra air an Eilean Sgitheanach. Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-naidheachd] Thàinig daoine a tha an sàs ann an gnìomhachas turasachd san Eilean Sgitheanach còmhla an-diugh airson an iomairt Skye Time a chur air bhog.

[Iain Coghill] Uill, leis an iomairt seo, tha sinn a’ feuchainn ri luchd-turais a’ tighinn gun Eilean gum bi iad an seo tìde nas fhaide agus a’ dol gu àiteachan air an Eilean nach bhios iad a’ dol cho tric.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-naidheachd] Agus tha ùidh aig luchd-turais air a’ chultair againn a bharrachd air na seallaidhean brèagha.

[Coinneach MacIlleathain] Mar as trice ’s e sgeulachdan matha a tha iad ag iarradh agus a’ faighinn a-mach mu dheidhinn a’ chultair agus a’ chànan agus an eachdraidh agus eachdraidh a tha freagarrach agus a tha ceart.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-naidheachd] Agus tha gnìomhachasan mothachail air cho cudromach ’s a tha na meadhanan sòisealta do dhaoine an-diugh.

[Aonghas Moireach] Is tha fios againn gu bheil an-dràsta buaidh mhòr aig na meadhanan sòisealta is an leithid agus a’ feuchainn a bhith ciamar a thoisich an luchd-turais agus airson an luchd-tadhail fhathast a tarraing dhan àite ach gun a’ smaoineachadh gun dh’fheumadh iad a bhith deiseil leis an Eilean ann an leth-latha a’ dràibheadh timcheall is an leithid.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-naidheachd] Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil ùidh aig luchd-turais anns Gàidhlig cuideachd.

[Anna Walker] Bha mi dìreach air crìoch a chur air fo-fhastadh aig Visit Alba agus sgrìobh sinn a’ chiad ro-innleachd Gàidhlig airson turasachd airson Alba a bh’ againn riamh. Agus tha sinn stèidhichte air fianais gu bheil ùidh mhòr aig luchd-turais anns a’ Ghàidhlig agus a’ mhòr-chuid dhiubh ’s ann às à Ameireagaidh ’s a tha iad agus Roinn Eòrpa. Tha iad airson barrachd fios fhaighinn mu dheidhinn a’ Ghàidhlig agus tha iad airson faighinn a-mach mu dheidhinn na Gàidhlig fhad ’s a tha iad ann an àiteachan mar an Eilean Sgitheanach.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-naidheachd] So thigibh dhan Eilean Sgitheanach ach gabh do shocair a’ dol mun cuairt an Eilein agus tha mi an dòchas gum bi sìde nas fheàrr agaibh na th’ agam an seo an-diugh. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, An t-Eilean Sgitheanach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!