FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tour of Mull Rally Railidh an Eilein Mhuilich a’ tilleadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Railidh an Eilein Mhuilich a’ tilleadh

[Ailean MacLeòid - Preseantair] Agus tha a h-uile coltas ann gum bi Tour Mull Rally ann am-bliadhna a-rithist. ’S e tachartas glè chudromach a th’ ann do Mhuile a’ toirt faisg air millean not a-steach don dh’eaconamaidh ionadail. Chaidh stad a chur air an railidh ann an dà mhile ’s a seachd-deug ge-tà le cho mòr ’s a bha àrachas a’ cosg. Tha tuilleadh aig Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-naidheachd] Thòisich an railidh an Eilein Mhuilich ann an naoi ceud deug trì fichead ’s a naoi. Anns a’ bliadhna sin, bha leth-cheud ‘s a seachd car a’ gabhail pàirt. Bha an railidh a’ toirt mòran luchd-leantainn dhan Eilean agus cuideachd bha e a’ brosnachadh dhaoine òga a bhith a’ dol an sàs.

[Catriona Anna NicCròin] Bha clann ann an Dearbhaig a’ togail rally car ann an 2006. Agus bha John, my nephew, agus Heather, cousin dha, rinn iad an rallaidh am bliadhna sin.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-naidheachd] Is ann an dà mile ’s a seachd-deug, bha cosgais àrachais airson an raillidh ann am Muile a’ ruith ro mhòr agus b’fheudar stad a chur air, ’s cha deach a chumail an-uiridh a bharrachd.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-naidheachd] Tha reachdas sònraichte ann an Sasann ’s anns a’ Chuimrigh airson rallaidhean a chumail air rathaidhean agus chuir Riaghaltas na h-Alba gu co-chomhairle phoblach air dòigh aig toiseach na bliadhna airson beachdan a chruinneachadh air na riaghailtean atharrachadh a thaobh rallaidhean ann an Alba. Fhuair iad faisg air trì mìle ’s a h-ochd ceud freagairtean agus bha naochad ’s a naoi per cent ag iarraidh gum biodh cumhachdan a bharrachd gan toirt do dh’ùghdarrasan ionadail son a bhith a’ gabhail smachd air dùnadh rathaidean an àite a bhith a‘ dol tro achd phàrlamaid.

[Iain Caimbeul] What we’ re doing for the Mull rally specifically is we’ re planning that the legislation will go through. So we thought it best that if we plan ahead and it goes through, we’ re best to be in the position where we can actually go ahead and run the rally in October. It’ s better to do that than to wait for the legislation to be approved and then go “ Oh wait a minute we haven’t got enough time now to put the whole rally together and we miss this opportunity for 2019. I mean, the rally’ s very, very important to the island, it’ s hugely important to motor sport and to the Scottish motor sport in particular, but it’ very important to the island and you know, it’ s been sorely missed in 2017, 2018.”

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-naidheachd] Naidheachd math airson tachartas, a bhios a’ comharrachadh leth-cheud bliadhna am-bliadhna. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!