FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The caman (shinty stick) in danger? Camain ann an cunnart?

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Camain ann an cunnart?

[Allan MacLeòid - Neach-naidheachd] Seo an aon àite dha leithid air feadh an t-saoghail far a bheil neach ag obair làn-thìde a’ dèanamh camain agus ’s e sin a tha a’ fàgail an sgil ann an cunnart.

[Ailean Mac a’ Phearsain] Well its very difficult for us because we can’t keep up the supply just now, so what we would have to do is take on more staff. And unfortunately, there’ s not enough money within the business to take on more staff.

[Allan MacLeòid -Neach-naidheachd] Tha companaidhean eile a’ dèanamh na camain ach le Ailean a’ cruthachadh còrr air mìle caman gach seusan, tha uallach mhòr air.

[Ùisdean MacIllInnein] Chan urrainn dhan an duine ach a bhith ag obair aig an ìre aig a bheil e agus mur h-eil an gnothach eacanomaigeach, feumaidh e a bhith a’ gabhail ùine ann a bhith a’ dèanamh rudan eile airson teachd a-steach a chumail ris fhèin is ris an teaghlach aige. Tha sin cho furasta sa ghabhas, ach dh’fhalbh an latha far an robh daoine air feadh na dùthcha a’ dèanamh camain. Agus tha uidhir de ghèam air camain. Tha a’ ghèam a’ fàs. Tha barrachd bhoireannaich a’ cluich, tha clann òg a’ cluich agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil an àireamh de chamain a tha sinn air feum ann am bliadhna a’ dol suas.

[Allan MacLeòid - Neach-naidheachd] Ach, ciamar a dh’fàs a’ chùis a leasachadh?

[Ùisdean MacIllInnein] Chan eil mise a’ faicinn gur e suidheachadh a tha seo a dh’fhàs a leasachadh. Mar a’ cur thu barrachd stòrais ris, mar a dèanar cobhair air an neach agus air a’ bhuidheann a tha gan dèanamh agus tha sin a’ ciallachadh airgead, tha e a’ciallachadh ’s dòcha barrachd dhaoine a bhith ag obair air. ’S e rud a tha feumail mun liosta a tha seo a tha ga chruthachadh gu bheil e a’ tarraing àire anns an fharsaingeachd chun an t-suidheachaidh. Tha fhios aig daoine gu bheil an suidheachadh seo ann. Ach chan eil mise a’ smaoineachadh gu bheil saoghal na camanachd a’ tuigsinn cho buileach cugallach ’s a tha an suidheachadh.

[Ailean Mac a’ Phearsain] It s always been a crofting industry and I think it really needs to wake up to where we are in this particular moment. The cost of materials are going up all the time. And the price of sticks have never went up. If you compare a shinty stick to any other wooden sports instrument, the lowest priced one I could find was a table tennis bat which was priced at £86.

[Allan MacLeòid - Neach-naidheachd] Prìs camain an-dràsta, leth-cheud no trì fichead nòt. A’ cheist a-nis, dè phrìs a dh’fheumas pàigheadh gus an sgil a ghlèidheadh airson na bliadhnaichean ri teachd.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!