FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Debate arising about cattle grazing in Plockton Deasbad ag èirigh mu chrodh ag ionaltradh anns a’ Phloc

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Deasbad ag èirigh mu chrodh ag ionaltradh anns a’ Phloc

[Innes Rothach - Preseantair] Tha deasbad a’ leantainn anns a’ Ploc an-dràsta air am bu chòir crodh a bhith ag ionaltradh air sràidean a’ bhaile a-rithist. Tha còig bliadhna deug ann bhon a dh’aontaich croitearan gu saor-thoileach na beathaichean aca a chumail a-mach às a’ bhaile. Ach tha iad a-nise ag ràdh gum faodar gun till iad an cuid chruidh dhan a’ Phloc – rud, a rèir choltais, nach eil a’ còrdadh ri mòr-chuid de mhuinntir a’ bhaile. Tha Alasdair MacLeòid anns a’ Phloc dhuinn a-nochd. Alasdair.

[Alasdair MacLeòid – Neach-naidheachd] Uill, oidhche bhrèagha dha-rìribh anns a’ Phloc a-nochd, gnothaichean dòigheil gu leòr ach chan eil cùisean buileach dòigheil am measg cuid de mhuinntir a’ bhaile. Siud le cunnart ann is coltas ann gun till crodh gu meadhan a’ bhaile às dèidh dhaibh a bhith air falbh fad còig bliadhna deug. Siud le aonta eadar Urras Nàiseanta na h-Alba agus croitearan na sgìre air thighinn gu ceann a’ dol timcheall is bruidhinn ri daoine anns a’ bhaile na bu tràithe, tha e coltach nach eil mòran dhen a tha a’ fuireach anns a’ bhaile airson gun till iad.

[Alasdair MacLeòid – Neach-naidheachd] A bharrachd air cliù a bhith aig an àit’ seo airson a’ bhòidhchead, tha Am Ploc ainmeil airson an crodh a tha, no a bha a’ dol timcheall ach chan eil iad air a bhith an seo fad bliadhnaichean is aont’ air a bhith ann eadar Urras Nàiseanta na h-Alba agus croitearan an àill gum faodadh na beathaichean a chur air talamh an Urrais gus nach biodh iad a’ dol timcheall meadhan a’ bhaile.

[Màiri Sìne Chaimbeul] Sin Urras Nàiseanta na h-Alba a tha ag ràdh nach eil iadsan airson a chumail a’ dol agus siud an t-uachdaran anns a’ bhaile seo, Urras Nàiseanta na h-Alba, ann an dòigh tha e an àirde ma tha daoine airson rud a chur air dòigh airson còig bliadhna deug eile, tha e an àirde ri Urras Nàiseanta na h-Alba.

[Alasdair MacLeòid – Neach-naidheachd] Ged a bha an crodh ann, a rèir cuid, ‘s e cleachdadh meadhanach ùr a th’ ann, crodh a bhith anns a’ bhaile. Rud nach robh idir ann sa seann làithean.

[Catriona Koster] Crodh a bh’ againn aig an dròbh dar a thàinig iad dhachaigh a bhith air am bleoghainn, as t-samhradh, bha sinne gan cur suas air na monaidhean, pìos mòr bho na taighean, cha robh iad timcheall air na taighean idir.

[Alasdair MacLeòid – Neach-naidheachd] Tha daoine ann a tha airson gun till na beathaichean agus gu bheil àite aca airson dualchas a’ bhaile, cuid ge-ta le ceistean air slàinte agus sàbhailteachd.

[ Tristan Southall] They have these considerable risks from health and infections that s certainly in the context of having cows directly outside playparks, directly outside primary schools, directly outside restaurants, shops, it’ s petty obvious that there is a risk associated with that .

[Elsie NicIlleMhoire] Bha iad a’ dèanamh salchar, is buaireadh is a h-uile rud air an t-sràid a bha sin. Bha sin ann ceanna, ach cha b’ urrainn dhaibh a bhith ann a-nise le cho trang ‘s a tha e, cha b’ urrainn.

[Catriona Koster] Chan eil mise airson crodh a bhith sa bhaile idir. Chan eil. Chan eil biadh ann dhaibh. Agus chan eil uisge, mar gun chanadh tusa, bùrn, ann an Leòdhas, chan eil uisge’ ann dhaibh, chan eil ann ach a’ mhuir.

[Alasdair MacLeòid – Neach-naidheachd] Croitearan an àite ag ràdh gu bheil làn cead aca an crodh a thoirt a-steach am baile air ais ach ma thig iad, chan eil fhios a’m dè seòrsa fàilte a ghabh na beathaichean bochd’ sin.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!