FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Aspen tree in full bloom Craobhan crithinn fo bhlàth

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Craobhan crithinn fo bhlàth

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Chìthear sealladh ann an sgìre a-nis ann am Bàideanach agus Srath Spè an-dràsta nach fhaicear airson bhliadhnaichean, craobhan crithinn no Aspen fo bhlàth. Tha e coltach gu bheil an aon rud a’ tachairt air feadh na h-Alba agus tha coltas gur h-e an t-sìde a bh’ againn an-uiridh gur h-e. Tha an aithris seo aig Cara Coburn.

[Cara Coburn – Neach-naidheachd] A’ dràibhidh seachad air sgìre a-nis, cha bhiodh fios agad mun an rud sònraichte a th’ air tachairt na seachdainean a dh’fhalbh.

[Cara Coburn – Neach-naidheachd] Dh’abaich na craobhan crithinn no Aspen, às dèidh an t-samhraidh theth a bh’ againn an-uiridh. ’S ann an naoi ceud deug naochad ’s a sia a thachair seo mu dheireadh.

[Cara Coburn – Neach-naidheachd] Tha na craobhan seo nas cumanta air a’ Ghàidhealtachd, ach tha iad fo chunnart air feadh Alba. Thathar an dùil gu bheil a’ chraobh seo air fulaing nas miosa na craobh dùthchasach sam bith eile le fàsachadh choilltean.

[Peadar Moore - RSPB] What s exciting right now is that Aspen very rarely produces seed in the UK and it s thought to be due to the climate. We don ’t get enough hot, sunny weather . In a normal UK summer, let alone a normal Scottish summer, you just won t get it hot enough. And so this is quite exceptional. And the reason it s flowering this year is because of the long, hot summer we had last year.

[Cara Coburn – Neach-naidheachd] Mura h-eil an aimsir ceart aca, cha tig iad fo bhlàth idir, ach chan eil sin a’ ciallachadh nach eil iad a’ dèanamh sian. Bidh ògain a’ tighinn air freumhaichean nan craobhan is fàsaidh iad seo gu craobhan a tha mar chlone den chraoibh fhèin. Ach trioblaidean an lùib seo. Tha fèidh buailteach na h-ògain ithe agus ’s e dragh mòr a tha seo a thaobh glèidhteachais.

[Peadar Moore - RSPB] I’ve been here 19 years so I’ve not seen this at all. And so there are quite a few people that are very excited by this.

[Cara Coburn – Neach-naidheachd] Leis gun tàinig na craobhan crithinn fo bhlàth am-bliadhna, ’s e deagh chothrom a th’ ann do sgioba RSPB sìol a chruinneachadh gus cuideachadh a thoirt le ath-bheothachadh agus airson àrainneachd phrìseil a ghlèidheadh. Cara Coburn, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!