FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Wick town centre in need of a refresh Meadhan a’ bhaile Inbhir Ùige feumach air ùrachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Meadhan a’ bhaile Inbhir Ùige feumach air ùrachadh

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Ciamar a ghabhas piseach a thoirt air fear dhen na bailtean as motha ann an ceann a tuath den Ghàidhealtachd? Sin a’ cheist a chuirear air muinntir Inbhir Ùige aig coinneamh anns a’ bhaile a-raoir. Dh’aontaich an còrr is leth-cheud duine a bh’ ann làthair gu feum meadhan a’ bhaile fhèin air a sgioblachadh agus a sgeadachadh. Ag aithris, anns a’ cheann a tuath, seo Eileen NicDhòmhnaill.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] Sàmhach, salach air crìonadh agus a’ crìonadh gu mòr ann an ùine a tha gu math fhèin goirid. ’S e sin beachd muinntir Inbhir Ùige air a’ bhaile aca fhèin. Carson? Uill, tha iad a’ canail gu bheil am baile fhèin a’ coimhead rudeigin salach, rudeigin robach an-dràsta, mar eisimpleir tha còinneach a’ fàs air cuid dhe na toglaichean agus a bharrachd air an sin, chan e gu bheil, chan eile am baile fhèin, chan eil a’ ghrian a’ deàrrsadh anns a’ bhaile fhèin. Tha e rudeigin anns an dubhar agus tha e coimhead rudeigin dorcha cuideachd. ’S e sin na tha iad a’ canail co-dhiù.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] A bharrachd air an sin, tha iad a’ canail nach eil na tha sin de dhaoine a’ feitheamh is a’ cur seachad an tìde ann an sheo, mar a b’ àbhaist. Carson? Uill, tha iad a’ canail gu bheil na bùithtean air iomaill a’ bhaile, an dà chuid gu deas agus gu tuath a’ toirt buaidh air meadhan a’ bhaile fhèin. Uill, ma-thà seach a bhith ag èirigh agus a’ gearain, dè ni iad dha-rìribh a tha iad a’ beachd a dhèanadh mu dheidhinn?

[An Comh. Raymond Bremner] Tha sinn ag iarraidh a chur sùil air na toglaichean agus a h-uile càil eile a th’ againne anns a’ bhaile agus na rudan a tha ceàrr anns a’ bhaile seo. Agus na cothroman a bhios againne airson a chur a h-uile càil ann an òrdugh agus airson a bhith a’ coimhead nas fheàrr dha na daoine a tha a’ tighinn dhan a’ bhaile a tha seo.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] Nise a-raoir, bha coinneamh anns a’ bhaile gus bruidhinn air an t-slighe air adhart. Dh’ aontaich iad ann an shin fhèin buidheann gnìomh a chur an cois as t-samhradh gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh anns a bheil iad an-dràsta fhèin.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-naidheachd] San ùine ghoirid, uill tha iad am beachd flùraichean agus lusan a chur, soidhnichean a chur suas agus an t-àite fhèin a sgioblachadh, rudan bunaiteach den t-seòrsa sin. Ach san ùine fhada, ’s e an t-amas, an ùine fhada barrachd dhaoine a tharraing agus a thàladh gu meadhan a’ bhaile fhèin gu Inbhir Ùige fhèin, gum bi barrachd dhaoine a’ feitheamh is a’ cur seachad an tìde ann an sheo seach a bhith a’ dràibheadh tron bhaile fhèin a dh’ionnsaigh cèarnaidhean eile dhen Ghàidhealtachd.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!