FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fires all over the Highlands Teintean air feadh na Gàidhealtachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Teintean air feadh na Gàidhealtachd

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Tha luchd-smàlaidh an Eilein Sgitheanaich a’ strì ri teine mòr faisg air tuath-gaoithe an Aodainn Bhàin. Tha e air sgapadh a-steach a’ choille an sin agus thathas an dùil gum bi feum air heileacoptair a chleachdadh son uisge a chur air. Aig a’ cheart àm, tha teine mòr fhathast a’ dol ann am Moireibh le luchd-smàlaidh ag ràdh gu bheil coltas ann gum bi grunn làithean ann fhathast mus tèid e cur às. Le tuilleadh, seo Anndra MacFhionghain.

[Anndra MacFhionghain – Neach-naidheachd] Thoisich teine an-diugh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich faisg air tuath-gaoithe an Aodainn Bhàin. Tha an teine a’ sgapadh a-steach gu coille an sin agus tha sia einnseanan-smàlaidh an làthair. Tha cùisean cho dona is gu bheil an luchd-smàlaidh an dùil gum bi feum air heileacoptair a chleachdadh airson bùrn a chur air. Ach cha b’ e seo an aon teine a bha a’ dol air a’ Ghàidhealtachd an-diugh.

[Anndra MacFhionghain – Neach-naidheachd] Aig aon àm, bha mu trì fichead ’s a deich smàladair faisg oirnne an seo aig Cnoc Cheannachd ann am Moireibh, a’ feuchainn ri na teintean a chur às. Chaidh na seirbheisean-smàlaidh a ghairm beagan ro thrì uairean feasgar Diluain agus tha e coltach gun toir e grunn làithean gus an cur às uile gu lèir. Thuirt na seirbheisean-smàlaidh gur e teine mòr a tha a’ sgapadh gu luath a tha seo.

[Anndra MacFhionghain – Neach-naidheachd] Chaidh an talamh a losgadh gu dona timcheall air tuath-gaoithe Chnoc Phòil, às dèidh mar a sgap na teintean cho luath bho Dhiluain. Aig aon àm, bha ceud smàladair, uile gu lèir, a’ feuchainn ri chur às. Bha fhathast timcheall air trì fichead neach bhon t-seirbheas-smàlaidh an làthair an-diugh agus feagal gun sgap na teintean. Tha na teintean air buaidh a thoirt air fearann thuathanaich agus tha feagal air a bhith ann gun tèid beathaichean a chall. Ach a rèir cuid, ged a tha cunnartan na lùib na teintean, chan e rud gu tur dona a th’ annta.

[Raibeart Dòmhnallach – Aonadh nan Tuathanach] Chan eil na teintean seo, chan eil iad air sian a mhilleadh air a’ mhonadh fhèin. ’S e nuair a thig e a-staigh dha na coilltean agus a-staigh gu faisg air taighean. ’S ann an uair sin a tha cunnart ann’. Agus cuideachd ma thig daoine a ghlacadh anns an teintean sin, faodaidh iad a bhith air an droch lòn. Ach airson am monadh fhèin, gheibh am monadh seachad air. Cha dhèanadh e sian a dhiofar air, in fact, nì e feum dha ge-tà, nàdar a bh’ aig nàdar riamh air na monaidhean a ghlanadh ’s e an teine.

[Anndra MacFhionghain – Neach-naidheachd] Tha teintean mòra air a bhith gu math cumanta air a’ Ghàidhealtachd thairis air na beagan seachdainean a dh’fhalbh is an talamh gu math tioram. Thathas a’ moladh a bhith gu math faiceallach air a’ bhlàir a-muigh, gun a bhith a’ sadail toitean air no a’ losgadh càil sam bith is an t-side tioram seo a’ leantainn.

[Anndra MacFhionghain – Neach-naidheachd] Dìreach air a’ mhìos sa, tha teintean air a bhith a’ losgadh anns na h-Eileanan Siar, anns an Duras agus ann am Fàrr am measg grunn àitean eile air a’ Ghàidhealtachd. Ach dè as urrainn dhuinn a dhèanamh gus na teintean a sheachnadh?

[Raibeart Dòmhnallach – Aonadh nan Tuathanach] Uill, ’s e dìreach a bhith faiceallach agus nuair a thèid thu a-mach dhan a’ mhonadh gun a bhith a’ lasadh teintean agus a bhith dìreach faiceallach do rubbish a thoirt dhachaigh leat agus sùil a chumail a-mach cuideachd, ma chì thu duine sam bith eile a tha a’ dèanamh rudeigin a tha thu a’ smaoineachadh a thoiseachas teine.

[Anndra MacFhionghain – Neach-naidheachd] Anndra MacFhionghain, BBC An Là, ann am Moireibh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!