FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Cuts to homeless services Gearraidhean ann an seirbhisean cion-dachaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Gearraidhean ann an seirbhisean cion-dachaigh

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Thèid gearraidhean luach dhà puing a sia millean not a dhìon ann an seirbhisean cion-dachaigh ann an Glaschu. Tha carthannasan leithid SAMH agus Simon Community a tha a’ toirt taic do dhaoine gun dachaigh am measg na tha a’ call ionmhais. Thuirt com-pàirteachas cùraim slàinte agus sòisealta Ghlaschu gun robh na seirbheisean gan ath-nuadhachadh gus a bhith freagarrach airson feumalachdan an latha an-diugh agus gun robh iad a’ gluasad gu modal Housing First. Le tuilleadh, seo Calum MacAmhlaigh.

[Calum MacAmhlaigh – Neach-naidheachd] Chaidh aontachadh an-diugh le co-bhòrd amalachas Baile Ghlaschu ath-leasachadh a thoirt air mar a tha a dhà puing a sia millean not gan cosg air seirbhisean cion-dachaigh anns a’ bhaile. Atharrachaidhean a thig gu buil san Dàmhair ach tha e ag adhbharachadh dragh.

[Graham Moireasdan - Seaplain] Tha e a’ dol a dh’adhbharachadh duilgheadas mhòr dhan roinn sòisealta agus tha e a’ dol a dh’adhbharachadh duilgheadasan dha luchd saor-thoileach. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil cus uallaich air a chur air luchd saor-thoileach airson a bhith cuideachadh feadhainn gun dachaighean. Ach gu sònraichte far a bheil sinne, tha e air a dhol an àirde glè mhòr am fàgail gun dhachaighean ann an seo.

[Calum MacAmhlaigh – Neach-naidheachd] Mar phàirt dhan ath-leasachadh, cuiridh iad às do bhuidhnean treas-pàrtaidh a tha a’ toirt cùram do dhaoine gun dachaigh. Tha aithrisean ann ag ainmeachadh nan carthannasan a tha a’ call airgid mar phàirt dhen atharrachadh, cuid dhiubh a tha a’ cuideachadh dhaoine le tinneasan-inntinn a tha cuideachd gun dachaigh. Dhiùlt a’ chomhairle dearbhadh cò na buidhnean a bha gus airgead a chall.

[Graham Moireasdan - Seaplain] Tha iad a’ faighinn cuideachadh agus taic bhon na feadhainn a tha ann an sin. Agus ged a tha obair saor-thoileach a’ toirt cuideachadh dhaibh, feumaidh iad àite far an tig iad, far am faigh iad tuigsinn bhon na feadhainn a tha mar sin airson an tinneas ac’ agus tha sin a’ dol a dh’adhbharachadh duilgheadasan mòr’.

[Calum MacAmhlaigh – Neach-naidheachd] Thuirt neach-labhairt bho cho-obrachadh slàinte is cùram shòisealta Baile Ghlaschu “Tha seirbheisean cion-dachaigh ann an Glaschu ag atharrachadh gu tur airson an toirt gu ìre far a bheil iad freagarrach airson an latha an-diugh … agus thathar a’ cur ionmhais mòr a dh’ionnsaigh modal Housing First – a tha a’ tabhann taigheadas agus cùram freagarrach do dhaoine aig a bheil feumalachdan sònraichte.”

[Calum MacAmhlaigh – Neach-naidheachd] Tha a’ bhuidheann cuideachd ag amas air daoine a ghluasad gu taighean cho luath ’s a ghabhas. Gluaisidh na daoine a tha a’ cleachdadh na seirbheisean mar-thà gu goireasan ùra. Bidh taic shònraichte ri fhaotainn bhon a roinnean chùraim. Tha atharrachaidhean mòra air faire do dhaoine gun dachaigh ann am Baile Glaschu. Ged a tha dòchas ann gun soirbhich leis na h-atharrachaidhean a tha seo, bidh draghan ann gus am faicear adhartas. Calum MacAmhlaigh, BBC An Là ann an Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!