FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Weather report: the hottest day in Scotland this year Aithris na h-aimsire: an latha as teotha ann an Alba am-bliadhna

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Aithris na h-aimsire: an latha as teotha ann an Alba am-bliadhna

[Derek Mac an Tòisich – neach-aithris] Halò, feasgar math dhuibh. Uill an-diugh ruig an teothachd fichead ’s a sia Celsius ann an iar-thuath na Gàidhealtachd ann an Ceann Loch Iù a’ ciallachadh gur e an latha as teotha ann an Alba a bh’ ann an-diugh. Agus airson na h-oidhche a-nochd, an sgòth mu Cheann a Deas na dùthcha gu bhith a’ dèanamh a shlighe nas fhaide siar. Agus an sgòth seo tiugh gu leòr aig amannan gus meallan adhbharachadh ann an Eàrra-Ghàidheil, ach anns an fharsaingeachd, ’s ann tioram a bhios i. Agus cha bhi i cho fuar ’s a bha i tro na h-oidhche a-raoir agus i gu bhith a’ tuiteam gu mu chòig Celsius aig a’ char as ìsle air taobh sear na dùthcha.

[Derek Mac an Tòisich – neach-aithris] A-steach chun a-màireach ma-tà agus an sgòth mu chladaichean an taobh siar gu bhith briseadh suas mean air mhean. Agus anns an fharsaingeachd, ’s ann tioram soilleir a bhios i le boillsgidhean matha grèine. Cothrom meall mu na h-Eileanan Siar ach an teothachd rud beag nas ìsle gu sònraichte air taobh sear na dùthcha ach bha naoi-deug no fichead Celsius ga ruighinn air an taobh siar ge-tà.

[Derek Mac an Tòisich – neach-aithris] Seach gu beul na h-oidhche, bidh dhà no trì meallan ann fhathast mu na h-Eileanan Siar ach anns an fharsaingeachd, ’s ann tioram a mhaireas i.

[Derek Mac an Tòisich – neach-aithris] Dihaoine a’ tòiseachadh tioram, soilleir, boillsgidhean matha grèine, ma dh’fhaodte beagan sgleò is ceò, a’ cruinneachadh mu chladaichean an taobh sear, ach fhathast an teothachd ìosal a tha seo ach aig a’ char as àirde gum b’ urrainn mu naoi-deug no fichead Celsius air an taobh siar. Oidhche mhath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!