FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sweeny's lot Lot Sweeny

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Lot Sweeny

[Sweeny] Bha mise fortanach gu leòr eòlas a chur air caoraich agus croitearachd còmhla ri mo sheanair nuair a bha mi òg. Anns na làithean sin bha caoraich aig còrr air fichead duine air na lotaichean aca ann an Dail bho Thuath ach an-diugh, gu mì-fhortanach, ’s e glè bheag a tha a’ cumail stoc no fiù ’s ag obrachadh na talmhainn.

[Sweeny] Bha mise an-còmhnaidh dèidheil air beathaichean sam bith ach ’s e caoraich am first love agamsa.

[Sweeny] Tha mise air lot an teaghlaich a ghabhail thairis agus tha beathaichean agamsa dhomh fhìn an-diugh. Tha dà fhichead caora agam gu lèir. ’S e Dubh-Cheannaich agus Cheviots as motha a th’ ann agus bidh iad eadar an lot agus a’ mhòinteach far a bheil fasgadh agus pailteas feur ’s fraoich.

[Sweeny] ’S e beathaichean gu math cruaidh a th’ ann an caoraich agus mar a chì sibh san t-sreath seo tha tòrr obrach annta cuideachd.

[Sweeny] Cha dèan na caoraich prothaid leotha fhèin ge-tà agus mar sin tha mi a’ cumail mucan cuideachd. Tha ceithir dhiubh agam ’s mi am beachd an fheòil a reic ri taighean-bidhe na sgìre.

[Sweeny] Tha cuideachd cearcan agam, cearc-Fhrangach agus tunnagan, ach tha beachd air a bhith agam son greis a-nis tòrr a bharrachd chearcan fhaighinn son na h-uighean a reic.

[Sweeny] Tha taigh mo phàrantan aig ceann eile an lot ’s tha seo gu math fortanach oir gu math tric tha mi ag obair eadar an dà thaigh.

[Sweeny] Right, thall ’s faigh geansaidh.

[Sweeny] Cuideachd tha mi a’ faighinn taic bho mo phàrantan agus bho mo bhràithrean nuair as urrainn dhaibh.

[Sweeny] Seo na mucan agam. Ach na fàs ro cheangailte riutha. Chan eil iad ann an seo ach airson aon adhbhar. ’S e sin a tha a’ fàgail nach eil ainmean orra. An-diugh tha mi a’ dol gan gluasad còmhla ris an t-seann tanca ola far a bheil iad a’ cadal gu feur ùr.

[Sweeny] Tha sinn dìreach a’ dol gan leigeil a-mach an-dràsta fhad ’s a ghluaiseas sinn an seo so cumaidh sin iad a’ dol airson greiseag. Right, let’s get cracking.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!