FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The people of Scotland back the Scottish women’s football team Sluagh na h-Alba a’ toirt taic do Sgioba ball-coise nam ban

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Sluagh na h-Alba a’ toirt taic do Sgioba ball-coise nam ban

[Karen Elder - Preseantair] Chun na spòrs leinn ma-thà, ’s a-nochd, tha sin aig Ailean.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris Spòrs] Mòran taing, a Kharen agus feasgar math dhuibh uile. Bhuannaich sgioba nam ban aig Alba a-trì gu dhà an aghaidh Jamaica anns a’ gheama mu dheireadh aca ro Chupa na Cruinne. Bha na boireannaich a’ cluich aig Hampden airson a’ chiad turas ann an seachd bliadhna agus nochd sluagh mhòr a-raoir gu sòraidh slàn a thoirt dhaibh ron fharpais.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris Spòrs] Laoidh Nàiseanta na h-Alba ann an Stèideam Ball-coise na h-Alba airson Sgioba Nàiseanta nam Ban aig Alba, dìreach an dàrna turas riamh a thachair a leithid agus a’ chiad turas a tha boireannaich na dùthcha air a bhith a’ dèanamh deiseil airson Cupa na Cruinne.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris Spòrs] Le bhith a’ falbh gu Cupa na Cruinne, tha sgioba Shelley Kerr airson aire sluagh na h-Alba a ghlacadh. Gu dearbh, rinn iad sin an seo aig Hampden is còrr air ochd mìle deug gu leth neach air nochdadh, an àireamh a bu mhotha riamh airson geama aig Sgioba nam Ban.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris Spòrs] Fhuair an sluagh deagh gheama – Alba a’ leigeil le Jamaica a dhol air thoiseach ach an uair sin, tadhal iongantach bho Erin Cuthbert agus saor bhreab a’ cheart cho math bho Caroline Weir gus an sluagh fhàgail toilichte ro leth-ùine. Thug mearachd Sophie Howard cothrom do Khadija Shaw an dàrna tadhal aice-se fhaighinn ach ’s e Howard a’ nochd sa bhogsa eile le fichead mionaid air fhàgail gus Alba a chur air thoiseach a-rithist.

[Ailig O’ Henley] Tha iad a’ dol gu Cupa na Cruinne ann an deagh shunnd. Sin an rud a bha a dhìth orra a-nochd. Agus le sluagh mòr air an cùlaibh, nach fhaca sinn riamh roimhe aig geama nam ban an Alba, còrr is ceithir uiread an àireamh as motha a bh’ ann riamh roimhe agus chunnaic sinn tadhail a-nochd a bhiodh tu toilichte fhaicinn anns an Champions Lìog, gun luaidh aig geama an seo aig Hampden, Sgioba nam Ban. Beagan de thàmailt, na tadhail a chaill iad agus feumaidh iad a’ teannachadh suas ma tha iad a’ dol a dhèanamh dad an aghaidh Sasainn sa chiad gheama aig Cupa na Cruinne.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris Spòrs] Sheall geama na h-oidhche a-raoir dìreach cho làidir ‘s a tha ùidh mhuinntir na h-Aba ann an turas Sgioba nam Ban chun na Frainge agus cothroman gu leòr gu bhith aig an Airm Tartain na geamannan a choimhead aig an taigh.

[Iseabail Nic an t-Sagairt] Tha sinn air bhioran ma dheidhinn. A-rèiste, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ ciallachadh gu bheil BBC ALBA aig ìre na Cruinne. Tha sinn fortanach gu bheil sinn a’ faighinn an cothrom seo a dhèanadh. Agus tha mi a’ smaoineachadh airson sgioba na h-Alba gu seach àraid gu bheil e a’ toirt cothrom dhuinn a bhith a’ taisbeanadh sgilean na h-Alba ach cuideachd sgeulachd na h-Alba is eachdraidh na sgioba, leis an seòrsa sealladh no blas sònraichte a th’ againne air BBC ALBA mar a tha sinn air làimhseachadh spòrs agus tha mi a’ coimhead air adhart ris gu mòr.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris Spòrs] Ann an naoi-ceud deug, trì fichead ’s a h-ochd-deug, Chaidh Airm Ally a dh’Argentina, làn mhisneachd is dòchas, chan eil Airm Shelley buileach cho misneachail mun turas a tha aig caolas Sasainn ach tha iad a cheart cho misneachail mu na cothroman aig an sgioba san àm ri teachd.

[Ailig O’ Henley] Tha na cluicheadairean an seo aig aois far am faod iad a bhith a’ farpais airson ceithir no còig bliadhnaichean eile aig an ìre as àirde. Agus feumaidh iad an ùine sin a chleachdadh airson clann-nighean a thoirt air adhart agus eisimpleirean a thoirt dhaibh air ciamar is urrainn dhut ball-coise a chluich aig ìre àrd agus faighinn gu farpaisean Cupa na Cruinne is farpaisean Eòrpach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!