FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Awards, drama and duty at the Celtic Media Festival Duaisean, dràma is dleastanas aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Duaisean, dràma is dleastanas aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach

[Innes Rothach - Preseantair] ’S ann air-loidhne a bhios a’ mhòr-chuid againne a’ coimhead air telebhisean ’s an àm ri teachd agus chan ann anns an dòigh àbhaisteach. Sin a chuala an dara latha de dh’Fhèis nam Meadhanan Ceilteach san Aghaidh Mhòr an-diugh. A bharrachd air bùithtean-obrach, chaidh duaisean a thoirt seachad airson prògraman eachdraidh is dràma le Spòrs na Seachdain a’ togail an duais airson am prògram spòrs as fheàrr air an rèidio. Uill, tha fear-naidheachd againn Anndra MacFhionghain a’ freastal nam fèise agus tha e air an loidhne san Aghaidh Mhòr an-dràsta, Anndra.

[Anndra MacFhionghain – neach-aithris] Gu dearbh Innes, tha latha air leth air a bhith againn an seo anns An Aghaidh Mhòr. Ged a tha an dìle bhàit’ air a bhith ann, chan eil sin air maille air cùisean idir. Bha gu leòr a’ dol agus cùisean a’ tòiseachadh tràth sa mhadainn an-diugh le co-labhairt le riochdairean bho na diofar meadhanan Ceilteach a’ beachdachadh air an dòigh as fheàrr gus prògraman a dhèanamh anns an àm ri teachd. Òraid le riochdaire bhon am British Film Institute airson daoine òg’ aig a bheil ùidh anns na meadhanan agus co-labhairt a’ coimhead ri gnothaichean moralta agus ethical air a chur air dòigh le BAFTA Alba. Seo ma-thà sealladh air tuilleadh air na bha na bha a’ dol an-diugh.

[Anndra MacFhionghain – neach-aithris] Am measg grunn cho-labhairtean agus tachartasan eile a bha a’ dol aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach san Aghaidh Mhòr, bha gu leòr deasbaid a’ dol mu na tha fa-near do shaoghal nam meadhanan agus barrachd is barrachd againn, daoine òg’ gu h-àraid a-nis a’ cleachdadh fònaichean-làimhe gus prògraman a choimhead agus seirbheisean leithid Netflix agus Amazon Prime a’ soirbheachadh gu mòr .

[Raonaid NicAoidh] Dhomhsa feumaidh mi ag ràdh gu bheil mi a’ coimhead cha mhòr a h-uile càil air-loidhne, tha teilidh agam ach chan eil mi cleachdadh càil ach na apps a th’ air an teilidh, smart tv a th’ agam, agus leis an sin, chan eil fhios a’m carson ach ’s toigh leam a bhith dìreach a’ coimhead rudan on-demand, mar a tha iad ag ràdh.

[Anndra MacFhionghain – neach-aithris] Tha grunn chànan air an riochdachadh aig an fhèis Gàidhlig na h-Èireann, Cuimris agus Còrnais nam measg. Tha tòrr iarrtais anns a’ Chòrn airson seirbheis ceart a bhith aca gus prògraman telebhisein agus rèidio ann an Còrnais a thaisbeanadh. Dè cho cudromach ’s a tha e do dhaoine a bhios ag obair anns na cànain seo a bhith an làthair?

[Charlie Fripp] If I say in Kernowek … It’ s such a special festival and I think for us it’ s really important to be here with our Celtic friends sharing our culture, sharing our amazing programme making and it’ s really exciting for us to be here and I think all of us from Cornwall really feel what we need is a public service media commissioner in Kernowek, something like BBC ALBA, it would just be fantastic because we need to have an outlet for our programming and for our language.

[Anndra MacFhionghain – neach-aithris] Tha mòran aig an Fhèis a tha ag obair air prògraman soirbhicheal leithid Bannan a bhios air BBC ALBA. A bheil an fheadhainn a tha air cùl a’ beachdachadh air na diofar dhòighean anns am bi daoine a’ coimhead telebhisean anns an latha an-diugh?

[Laura NicIllFhinnein] Tha daoine ga choimhead ann an dòighean eadar-dhealaichte agus chan urrainn dhuinn, chan eil mi a’ smaoineachadh, a bhith a’ cur an uiread de dh’aire air aon demographic, mar gum biodh, ach tha criomagan a’ nochdadh air-loidhne, tha daoine a’ faicinn rudan air Instagram is mar sin. Tha Instagram agus Twitter agus Facebook is a h-uile càil a tha sin aig Bannan, aig Sgioba Bannan, aig Sgioba Young Films agus bidh sinn a’ cur rudan suas air an eadar-lìon, a’ feuchainn ri daoine a thàladh. Airson tha fios againn gur e sin na dòighean a bhios daoine òga a’ conaltradh san latha a th’ ann agus tha sinn an dòchas gu bheil sin a’ dèanamh feum agus gu bheil iad a’ faicinn na rudan seo air Instagram agus mar sin gu bheil e a’ toirt orra a bhith a’ coimhead prògram.

[Anndra MacFhionghain – neach-aithris] Chaidh grunn dhuaisean a thoirt seachad feasgar le Spòrs na Seachdain bho Radio nan Gàidheal a’ soirbheachadh, a’ buannachadh an duais airson program Spòrs Rèidio as fheàrr. Cuideachd a’ soirbheachadh an-diugh à Alba , bha an dràma Bunny a bhuannaich an duais airson dràma ghoirid as fheàrr. ’S ann a-màireach a tha a’ chuid as motha de na dhuaisean gan toirt seachad.

[Anndra MacFhionghain – neach-aithris] Siud agaibh geàrr-cunntas ma-thà air na bha a’ dol an-diugh san Aghaidh Mhòr aig Feis nam Meadhanan Ceilteach. Bidh mise san t-àite seo an ath-oidhch’ le tuilleadh ach an-dràsta, bhuainn uile an seo, air ais agaibh fhèin, Innes.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!