FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Commemorating a precious service and woman A’ comharrachadh seirbheis is boireannach priseal

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

A’ comharrachadh seirbheis is boireannach priseal

[Innes Rothach - Preseantair] Bha tachartas sònraichte air An Tairbeart a-raoir, a’ comharrachadh còrr is deich bliadhna fichead den a’ charthannas Crossroads na Hearadh. Tha Mòrag Rothach a’ leigeil dhith a dreuchd mar aon de luchd-stiùiridh na buidhne, buidheann a bha i gu mòr an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh ann an naoi ceud deug ceithir fichead ’s a còig. Tha Dòmhnaill MacLaomainn ag aithris.

[Hamish Mac an Tàilleir] An àm ri dealbh a chruthachaidh, ’s gach nì chum feum nan àl,

Gun do rinn an Tighearna ullachadh le chùram is le ghràdh

Do mhuinntir aois is anfhannachd,

’S an àm ri teachd ’an tràth

Gu coileanadh na Ainm-san, thar nan linntean, obair gràis

[Dòmhnaill MacLaomainn – Neach-aithris] Hamish Mac an Tàilleir leis a’ chiad rann de bhàrdachd a sgrìobh e airson a’ chuirm a tha e a’ togail do seirbheis Mhòraig agus a creideamh a tha i a’ faicinn mar bhun-stèidh airson a h-iomadh rudan a tha i a’ dèanamh airson a’ choimhearsnachd.

[Hamish Mac an Tàilleir] Tha Mòrag air a bhith cuide rium dhan a’ choimhearsnachd ann an iomadh dòigh ach seachd àraid anns a rud anns a bheil i a’ leigeil seachad an-dràsta, far an robh i ag ullachadh is a’ cur air dòigh daoine a gheibh a-steach a dhachaighean a chuideachadh is a’ coimhead às dèidh ’s dòcha daoine a bha feumach air cuideachadh.

[Dòmhnaill MacLaomainn – Neach-aithris] ’S e dotair teaghlach a thòisich Crossroads na Hearadh agus thàinig buidheann ri chèile gu saor-thoileach airson a ruith. Bha iomadh dreuchd aig Mòrag ri linn.

[Catriona Mhoireasdan] Tha a h-uile càil. Bha i na rùnaire, na stiùiriche, bha i a’ coimhead às dèidh na riaghailtean agus na laghan a bha ceangailte ri bhith a’ toirt seachad seòrsa cùraim sin anns an dachaigh agus ’s i bha a’ coimhead ris a h-uile càil a bha sin agus chan deach i riamh ceàrr is cha do rinn i càil riamh ceàrr agus cha b’ urrainn dhith gu leòr a dhèanamh airson a’ bhuidheann.

[Dòmhnaill MacLaomainn – Neach-aithris] Ged a bha mòran dùbhlain na lùib, thug an obair toil-inntinn dhith.

[Mòrag Rothach] Bha e a’ toirt toileachadh mòr dhomh nuair a gheibh thu a-steach a dachaigh agus bhiodh cuideigin a’ toirt seachad cùram nach robh ’s dòcha faighinn cadal na h-oidhche, nach robh faighinn a-mach agus bha cuideigin a’ dol a-steach, bha iad a’ faighinn a-mach, a’ dèanamh rud sam bith a bha iad ag iarraidh no uaireannan son a’ dol a chadal. Tha cuimhne a’m nuair a thòisich sinn an toiseach, bha fhios a’m, bha boireannach a tha bha seo a’ toirt cùram seachad dha màthair fad an t-siubhail agus tha cuimhne a’m, chuir mi fòn thuice agus bha mi ag innse dhi mu dheidhinn Crossroads, agus thuirt mi rithe “ciamar a tha sibh fhèin?” agus stad i agus thuirt i “”Cha do dh’fhaighnich duine sin dhomh riamh”. “Bidh daoine a’ tighinn a-steach”, bha i ag ràdh “bidh iad a’ faighneachd dhomh ciamar a tha do mhàthair ach cha do dh’fhaighnich duine dhomh ciamar a bha mise ”.

[Dòmhnaill MacLaomainn – Neach-aithris] A-raoir, chaidh taing a thoirt seachad airson na rinn i, is a’ choimhearsnachd dòchasach gu bheil a’ fàgail an t-seirbheis ann an suidheachadh làidir.

[Hamish Mac an Tàilleir] Chan eil Mòrag mòr agus chan eil i bog agus fhuair i àite mòr ann an inntinn is ann an cridhe dhaoine a thaobh an seòrsa pearsa a th’ aice, an seòrsa tè a th’ innte, a h-uile càil a tha i air a’ dèanamh, tha i ga dhèanamh ann an co-cheangail ri a creideamh fhèin agus tha sin air a bhith ga cumail a’ dol, tha mi a’ smaoineachadh agus tha e a’ ciallachadh gu bheil i dleasdanach dha-rìribh anns a h-uile càil a tha i a’ dèanamh.

[Hamish Mac an Tàilleir] Mar sin, air latha na cunntais, nuair a ghairmear sinn gu Nèamh,

’S e ar dùrachd dhut, gun cluinn thu ’ ghuth on a’ chathair gheal riut fhèin

“Ged nach saoil thu gun do choilean thu aon nì dhaibh siud a rinn feum

Ann am frithealadh don fheumach b’ ann a rinn thu sin dhomh fhèin.”

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!