FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A drama workshop looking at important matters Bùth-obrach dràma a’ coimhead air cuspairean cudromach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Bùth-obrach dràma a’ coimhead air cuspairean cudromach

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Chumar tachartasan ann an Glaschu gus beachdachadh air an dòigh as fheàrr cùram a thoirt gu daoine a tha a’ fulang le dementia agus a tha dà-chananach. Thàinig luchd-dràma agus eòlaichean còmhla ’son a’ bhùth-obrach air an tuigear ‘Cuimhneachadh Oirnne’. Tha am fear-naidheachd againne Ruairidh MacÌomhair aig an tachartas ann an Oilthigh Srath Chluaidh.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Dràma air a chleachdadh mar mhiann gus deasbad a bhrosnachadh mu dhà-chànanachas agus dementia. Cleasaichean a’ taisbeanadh sgeulachd aon teaghlach a’ dèiligeadh ris an tinneas.

[Artair Donald] An-diugh, tha dòchas gum bi puingean a thogail agus tha daoine seo an-diugh luchd-acadaimigeach airson a bhith a’ sgrìobhadh poileasaidhean ùr’ gu h-àraid mu dheidhinn rudan mar coimhead às dèidh dhaoine nuair a tha iad a’ fàs nas miosa agus nuair a tha iad fo chùram mar a chanas NHS agus ’s dòcha can nach bi Gàidhlig aig daoine a tha ag obair an siud.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Am measg nan eòlaichean a bha an làthair, bha an dotair, Tòmas Bak, a th’ air bliadhnaichean a chur seachad a’ rannsachadh cùisean timcheall dà-chànanachas.

[Dotair Tòmas Bak ] If we think that dementia is a problem and we have now noticed it becoming much more a problem than people assume as I say sometimes underestimated because of wrong questions they send us. So this is a very, very up-to-date problem. I think in art should be there to address it.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Agus tha dòchas ann gun brosnaich an tachartas an-diugh barrachd eòlais is deasbad mun chuspair.

[Dr Aedín Ní Longsigh] Part of the aim today is to raise awareness about this issue. And hopefully for people to see - this matters, this issue matters. And it matters for all the country, it matters for the rest of Scotland because we have immigrant communities as well who, as they age, will encounter this issue as well .

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] A rèir tè a tha eòlach air a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig agus ealan le daoine a tha a’ fulang le dementia. Tha barrachd eòlais a dhìth mu na buannachdan a tha ceangailte.

[Magaidh Nic a’ Ghobhainn] Cha chreid mi gu bheil fhios mothachail air aig ìre ùghdarrais sam bith ach tha mi a’ faicinn gu h-àraid aig luchd-frithealaidh anns na dachaighean-cùraim, bhiodh iad ag ràdh “Ò uill, feuch nach bi thu fada gun thighinn a-rithist”, tha mi smaointinn gu bheil iadsan gu math mothachail air.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-aithris] Thathar an dòchas an dealbh-chluich a thoirt air chuairt an ceann ùine agus an taisbeanadh a thoirt chun na Gàidhealtachd air feadh na h-Alba agus a’ Chuimrigh. Ruairidh MacÌomhair, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!