FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Conference in the Isle of Skye about the environment Co-labhairt san Eilean Sgitheanach mu àrainneachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Co-labhairt san Eilean Sgitheanach mu àrainneachd

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Nise, chuala co-labhairt san Eilean Sgitheanach air an deireadh sheachdain mu na dòighean far an urrainn do mhac an duine a bhith tighinn beò gun a bhith dèanamh cron air an àrainneachd. A bharrachd air seiseanan air croitearachd agus blàthachadh na cruinne, bha comhairle ann cuideachd air àite na Gàidhlig san àrainneachd agus fiù 's còmhradh nan eun, mar a tha Alasdair MacLeòid ag aithris.

[Alasdair MacLeòid – Neach-aithris] ’S iomadh co-labhairt gan deach mi thairis air na bliadhnaichean, feadhainn aca gu barrachd feum na feadhainn eile ach cha chreid mi nach biodh gach aon ac’ na b’ fheàrr nam biodh seo an dòigh a bhiodh ann airson daoine a thoirt còmhla gu òraid eile no gu biadh.

[Alasdair MacLeòid – Neach-aithris] B’ e seo cruinneachadh do mu cheud gu leth duine aig Rubha Phòil ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach air perma-cultar – dòigh air a bhith beò gun chron ga dhèanamh air an àrainneachd timcheall. Le aire tòrr air blàthachadh na cruinne agus sealladh fhaighinn mun chùis bho dhaoin’ òg’.

[Holly] For the last six months, I ve been school striking for the climate outside my school every Friday for an hour. The planet we live on is being destroyed by our way of living and we need to take action now, so that’ s why I started school striking.

[Alasdair MacLeòid – Neach-aithris] Am measg na diofar chlasaichean is deasbadan a bh’ ann bho fheasgar Dihaoine gu Là na Sàbaid, bha seisean ann mu àite na Gàidhlig is anns an àrainneachd.

[Janni Diez] Bidh mise a’ bruidhinn mu dheidhinn ainmean-àite agus mar a tha iad a’ nochdadh air clàr-dùthcha. ’S gu tric, tha ùidh aig daoine ann an ainmean Gàidhlig. Tha iad airson faighinn a-mach dè tha iad a’ ciallachadh, dè tha iad ag innse dhuinn mu dheidhinn an tìr.

[Alasdair MacLeòid – Neach-aithris] A bharrachd air cainnt nan Gàidheal, bha cuideachd clas ann air a bhith a’ tuigsinn cò mu dheidhinn a tha na h-eòin agus na h-iseanan a’ bruidhinn.

[Ludwig Appeltans] We use a lot of bird language in our observations in permaculture because birds, they talk to each other about a lot of stuff that’ s happening in the forests that we’ re not aware of. If we are angry that they the birds will respond differently towards us and it’ s like a mirror that reflects back to how we are behaving in the forest and then that’ s an invitation to adapt our behaviour so we cause less disruption in nature.

[Alasdair MacLeòid – Neach-aithris] Ged a tha e furasta a bhith dubhach mu bhlàthachadh agus truailleadh na cruinne, tha coltas ann gu bheil piseach a’ tighinn air gnothaichean co-dhiù shìos an rathad aig Sabhal Mòr Ostaig.

[Janni Diez] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na h-oileanaich a tha againne agus an luchd-obrach gu math mothachail air an àrainneachd, tha sinn air a bhith a’ dèanamh feasgaran le clann a’ glanadh an tràigh no tha daoine gu math mothachail air sgudal is plastaig is an àrainneachd, gnothaichean mar sin is mhothaich mi gu sònraichte am-bliadhna gu bheil an cuspair a’ sìor-fhàs ann am mothachadh dhaoine.

[Ludwig Appeltans] Keeping the spirits up, it’s a very encouraging event because there’ s lots of like-minded people and there’ s lots of support and friendly faces and lots of kids around that gives hope for the future.

[Alasdair MacLeòid – Neach-aithris] Adhbharan airson dragh a bhith ann gun teagamh ach cha do chùm siud na daoine seo bho dheireadh-seachdain dha-rìribh a bhith aca. Alasdair MacLeòid, BBC An Là, Slèite.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!