FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A shinty report Aithris iomain

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Aithris iomain

[Doneil MacLeòid] Bhuannaich Taobh na Locha Cupa Mhic an t-Sutharlanaich air an aon latha a fhuair a’ chiad sgioba aca, Camanachd an Òbain, troimhe chun a’ chuairt dheireannach do Chupa MhicAmhlaigh. Rinn Taobh na Locha a’ chùis air Lobhait dà thadhal gu h-aon aig Pàirc a’ Chanàil. Thàinig Cill Mhàilidh cuideachd. Chaidh Bàideanach gu mullach Lìog Nàiseanta fhèin, an dèidh cùis a dhèanamh air Obar Dhobhair naoi - neoni ann am Farpais nam Bàn.

[Doneil MacLeòid] Dh’ fosgail Rhona Nic an t-Saoir an sgor do Bhàideanach agus rinn Kirsty Deans cinnteach bhon an smal airson an sgor a dhùblachadh. Fhuair i tè eile agus tha e doirbh do dh’ Obar Dhobhair dèiligeadh ri Bàideanach.

[Doneil MacLeòid] Fhuair Zoe Reid dara tadhail anns an dara leth, Bàideanach ag iarraidh dìoghaltas airson an gèam mu dheireadh aca a chall.

[Doneil MacLeòid] Agus las Rhona Stewart bho pìos a-mach airson còig.

[Doneil MacLeòid] Le oidhirp air leth, fhuair Kirsty Deans an treasamh tadhail aice. Zoe Reid air an targaid a-rithist – droch latha aig an tè-glèidhidh. Le Bàideanach a’ faithneachadh gun robh laigse san tadhal, thòisich oidhirpean bhon nas fhaide a-mach. Kirsty Deans le an dà thadhal mu dheireadh, a’ dèanamh cinnteach às na puingean.

[Doneil MacLeòid] Ann an Cupa Mhic an t-Sutharlanaich, ’s e taobh na Loch a fhuair a’ chiad thadhal, Ros Caimbeul a’ dèanamh cinnteach. Fhuair Raymond Rennie aon air ais do Lobhait an ath mhionaid. Agus dh’ fhàg sin gun robh feum air ùine a bharrachd.

[Doneil MacLeòid] Lewis Buchanan ge-tà a’ faighinn an tadhail chudromach do thaobh na Loch.

[Doneil MacLeòid] Taobh na Loch le aon chupa agus cothrom air tè eile dhan a’ chiad sgioba aca. An tiotal nàiseanta airson dara sgiobaidhean a’ dol gu deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!