FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Inverness concert venue in danger Talla-ciùil Inbhir Nis ann an cunnart

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Talla-ciùil Inbhir Nis ann an cunnart

[Karen Elder - Preseantair] Tha trì fichead cosnadh ann an cunnart an seo an Inbhir Nis, ma ’s e agus gun dùin fear de phrìomh àiteachan-chiùil air a’ Ghàidhealtachd. Tha a’ chompanaidh Bricks Capital airson togalach an IronWorks anns a’ bhaile a leigeil agus taigh-òsta spaideil a chur na àite. Ged a tha na planaichean aig ìre gu math tràth, bha iad airson innse do chomhairlichean Gàidhealach na tha san amharc aca. Ged nach eil iad a’ sireadh cead dealbhachaidh fhathast. Seo Eileen NicDhòmhnaill.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bho Travis gu Niteworks gu Ocean Colour Scene, ’s iomadh còmhlan a th’ air an àrd-ùrlar a ghabhail anns an Ironworks, ach dh’fhaodadh nach bi duine a’ cluich ceòl anns an togalach a tha seo ann am meadhan baile Inbhir Nis an ceann beagan bhliadhnaichean.

[Emma NicLaomainn] Chan eil àiteachan-ciùil mòr mar sin air a’ Ghàidhealtachd, ’s urrainn còrr is mìle neach a bhith am broinn Ironworks agus tha fios a’m gu bheil àiteachan mar Eden Court ann, ach ’s e àite-ciùil gu math, gu math diofraichte a th’ ann. An t-uabhas còmhlain air a bhith a’ nochdadh ann an Ironworks thairis air na bliadhnaichean agus tha e math gu bheil e air a’ Ghàidhealtachd. Chan eil e cho fada air falbh ri Glaschu, tha e faisg air làimh do dhaoine.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Dh’fhaodadh gun atharraich sin ge-tà, tha a’ chompanaidh, Bricks Capital, son taigh-òsta a thogail. Bhiodh ochd fichead leabaidh na chois. An-diugh dh’innse iad do chomhairlichean na Gàidhealtachd mu dheidhinn na planaichean aca. Chan eil iad a’ sireadh cead dealbhachaidh fhathast ge-tà, ach chaidh athchuinge a chur air dòigh an-aghaidh na planaichean aca.

[Ruairidh Greumach] Tha mi a’ smaoineachadh gur e dòcha ceum air ais a bhiodh e airson a’ bhaile, Inbhir Nis ma bhios iad a leigeil an IronWorks. Uill, ’s e fear de na prìomh, prìomh àiteachan airson cluich ma tha thu nad chòmhlain. Chan e a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd ach ann an Alba air fad. Is mar sin, ’s e faireachdainn fìor mhath a th’ ann a bhith ann an àite a tha cho ainmeil is cliùiteach air feadh Alba is a bhith a’ cluich ann an shin. Agus gu bheil am PA siostam fìor mhath cuideachd, so tha thu a’ faireachdainn sin nuair a tha thu a’ cluich.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha ceangal aig an togalach a tha seo ri eachdraidh a’ bhaile. ’S ann bho ghnìomhachas an iarainn a thàinig ainm. Tha ceangal aig mòran ris an IronWorks fhèin cuideachd bho dh’fhosgail e ann an dà mile ’s a sia. Ach am beachd comhairliche, bidh eaconamaidh an latha an-diugh aig cridhe co-dhùnadh sam bith, co-dhiù, bidh ceòl ri cluinneil ann an sheo.

[An Comh Ailig Greumach] Air aon làimh, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e math barrachd àiteachan-fuirich fhaighinn son àite a tha seo, tha fhios a’d, ann an cridhe baile Inbhir Nis, fhios a’d, tha e bang meadhan a’ bhaile, multi-story ri thaobh, tha stèisean bus is stèisean rèile dìreach dà no trì ceud de shlatan air falbh away, so tuigidh tu carson a tha seo uabhasach tarraingeach dha taigh-òsta. Air làimh eile, fhios a’d, tha feum againne cuideachd air, fhios a’d, àite far am faigh sinn cur-seachadan a’ tachairt, far am bi cuirmean-ciùil ann.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ’S iomadh sgrìob agus sgeulachd a tha an còis nam ballaichean, cha robh an fheadhainn leis a bheil an IronWorks son dad a chanail mun chùis. ’S e a’ cheist a bhios aig mòran a-nochd ma tha, ma dhùineas dorsan nan IronWorks, càite eile an tèid iad airson cèilidh? Eileen NicDhòmhnaill, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!