FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A weather report Aithris na h-aimsire

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Aithris na h-aimsire

[Derek Mac an Tòisich – Neach-aithris] Halò, feasgar math dhuibh, uill do chuid tron latha an-diugh, mhairidh na turadh agus bha greisean mhath do shoilleireachd, agus do bhoillsgean grèine ann cuideachd, ach cha robh i mar sin don a h-uile duine agus an sgoth car dorcha, bagarrach le meallan air taobh siar na dùthcha agus ghluais na meallain sin nas fhaide sear ro dheireadh an latha. Agus ’s ann mar sin a bhios i airson cnap mhath den t-seachdain, bidh meallain ann aig amannan ach aig a’ cheart àm, bidh greisean-grèine ann cuideachd ach tha i gu bhith faireachdainn car fionnar, gu sònraichte airson an àm seo dhen bhliadhna.

[Derek Mac an Tòisich – Neach-aithris] A-steach chun a-nochd ma-tà barrachd mheallain gu bhith a’ gluasad bhon taobh siar chun an taobh sear ach tro uairean beagan na maidne, a’ chuid as motha dhe na meallain gu bhith a’ crìonadh seach mu chladaichean an taobh iar far am bi dhà no trì fhathast ro mhadainn. Bidh greisean mhatha de dh’iarmailt shoilleir anns an teothachd anns na bailtean-mòra gu bhith tuiteam gu ochd no naoi Celsius ach nas ìsle na seo air an tuath, gu sònraichte ann an ear-thuath na dùthcha, ma dh’fhaodte cho ìosal ri trì Celsius, mar sin oidhche fionnar a bhios ann do mhòran.

[Derek Mac an Tòisich – Neach-aithris] Mar sin, a-màireach a’ tòiseachadh fionnar agus car coltach ris mar a bha i tron latha an-diugh, an meallain gu bhith a’ tòiseachadh a’ biathadh a-steach bhon taobh siar agus gluaisidh iad nas fhaide sear mar a thèid an latha air adhart.

[Derek Mac an Tòisich – Neach-aithris] Chan fhaic a h-uile h-àite meall ge-tà ach mas e ’s gum bi meall agaibh ma dh’fhaodte gum bi i slaodach ann a bhith gluasad leis gum bi a’ ghaoth lag, ach eadar na meallain, chìthear greisean de thuradh, greisean de shoilleireachd agus de bhoillsgean grèine, gu sònraichte mu na h-eileanan mu thuath, ma dh’fhaodte gum bi cothrom meall a’ dol seachad air Sealltainn ge-tà.

[Derek Mac an Tòisich – Neach-aithris] Ach an aon seòrsa sgeulachd a bhios ann dha na h-Eileanan Siar ach an teothachd ge-tà car ìosal mar a bha mi a ràdh airson an àm seo den bhliadhna is gu bhith a’ ruighinn eadar ceithir deug agus sia deug Celsius aig a’ char as fheàrr.

[Derek Mac an Tòisich – Neach-aithris] A-steach gu beul na h-oidhche ma-tà, na meallan car bitheanta fhathast, a’ gluasad nas fhaide sear ach mar a thèid an oidhche air adhart, cuid mhath dhiubh gu bhith a’ crìonadh gu ìre mhòr.

[Derek Mac an Tòisich – Neach-aithris] Diciadain a’ tòiseachadh tioram, soilleir ann an ear-thuath na dùthcha agus mu na h-Eileanan mu thuath ach mar a thèid an latha air adhart an t-uisge gu bhith a’ fàs nas truime ann an ceann a tuath na dùthcha, gu sònraichte agus mu na h-eileanan siar. Ach meadhan ceann a deas na dùthcha aig a bhith a’ maireachdainn na turadh anns na sgìrean- sa agus an teothachd mar a bha mi a ràdh gu bhith car ìosal airson an àm seo dhen bhliadhna tri deug gu seachd deug Celsius anns a’ chumantas.

[Derek Mac an Tòisich – Neach-aithris] Mas e ’s gu bheil sibh a’ coimhead airson rudeigin nas tiorama, uill, Diardaoin an latha as fheàrr airson sin. Bidh beagan de smugraich ann aig amannan mu cheann a tuath na dùthcha ach dha mòran ’s ann an turadh a bhios i le greisean mhatha de shoilleireachd agus de bhoillsgean grèine agus seo gu bhith a’ togail an teothachd beagan nas àirde, trì deug gu seachd deug Celsius anns a’ chumantas ach ceann a deas na dùthcha gu bhith faicinn an teothachd as àirde, ochd deug Celsius an seo. Oidhche mhath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!