FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Santa Maria Tri returning home Santa Maria Tri a’ tilleadh dhachaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Santa Maria Tri a’ tilleadh dhachaigh

[Karen Elder - Preseantair] Thill seann sgoth-iasgaich - an Santa Maria a Trì - a dh'Èirisgeigh air an deireadh-seachdain agus, gu dearbha, bha fàilte mhòr roimhpe. 'S e an Jasper an t-ainm a bh' oirre nuair a chaidh a togail an toiseach do theaghlach iasgairean à Sgalpaigh. Chaidh i an uair sin a dh’ Èirisgeigh - agus tha i air a bhith ann an iomadh àite on uair sin. Ach tha Dòmhnall Eàirdsidh MacFhionghain - a bhuineas do dh'Èirisgeidh - air a càradh agus air a cur air ais gu mar a bha i agus sheòl e fhèin san luchd-dàimh dhachaigh orra à Malaig. Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Santa Maria a Trì a’ tilleadh dhachaigh dhan Acarsaid an Èirisgeigh às dèidh deich air fhichead bliadhna. Ged a chaidh i a thogail dha Na Dòmhnallaich ann an Sgalpaigh o thùs, bha i mar phàirt dhan chabhlach de naoi de bhataichean a bha ag iasgach an sgadan ann an Èirisgeigh fad bhliadhnaichean.

[Angela Nicfhionghain] ’S ann aig Clann MhicFhionghain, na bràithrean MhicFhionghain a bha na bataichean agus ’s ann aig Calum a bha Santa Maria a Trì, gu mì-fhortanach, chan eil Calum, chan eil air fhàgail ach aon dha na bràithrean an-diugh. Ach dh’fhalbh i agus ’s e cuideigin eile a ghabh thairis i bho chionn sia bliadhna air ais, balach le bràthair Chaluim, ’s e sin agaibh DA no Dòmhnall Eàirdsidh MacFhionghain. Fhuair esan a-mach gun robh i, gun robh e a’ dol ga creic agus rinn e deal air choireigin, ’s fhuair e i agus nuair a fhuair e i agus chaidh e a choimhead oirre anns na dockaichean, tha mi smaointinn ann an Rosyth, ann an shin a bha i on uair sin. Ghabh e eagal a bheatha nuair a chunnaic e i agus ag ràdh “an e bàta ceart a cheannaich mi?”. An e gu cinnteach Santa Maria a Trì a bh’ ann? ’S cha robh e uabhasach cinnteach mu dheidhinn. Co-dhiù, chaidh e sìos agus nuair a chaidh e sìos gu Folkestone, bha fhios aige gu cinnteach gur e i a bh’ ann, agus thoisich e on uair sin am pròiseact a bha sin ga dèanamh suas, a’ cosg airgead oirre, rinn e tòrr mòr dhe dh’obair leasachaidh oirre, cha b’ urrainn dhòmhsa a h-uile rud innse dhut, ach bha cuid de na rudan a bha innte, fhuair e bòrd a bha innte, bòrd far an robh na fireannaich ag ithe aig a’ bhòrd, rudan mar sin. Tha an einsinn a bh’ innte mar-thà, tha ise fhathast innte ach tha i a’ dèanamh suas a-rithist.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha Santa Maria a Trì a’ nise a’ dèanamh a slighe gu a’ chiad dachaigh, Sgalpaigh às dèidh sia bliadhna de shaothair agus cosgais de sgeadachadh as ùr, dè cùrsa a th’ air thoiseach an eathar eachdraidheil a-nis?

[Angela Nicfhionghain] Chan eil e uabhasach cinnteach, tha dhà no trì de bheachdan aige air rudan a dh’fhaodadh e a dhèanamh, ach tha mi a’ smaointinn an rud a bu chudromaiche, bha e ag iarraidh a toirt dhachaigh. Gu sònraichte ’s a h-athair fhèin beò fhathast is gu faiceadh e is gu faiceadh muinntir an Eilein i, fiù an teaghlach, a’ chlann-nighinn aig Calum, bha iad fhèin ag ràdh cho moiteil ’s a bhiodh an athair a’ faicinn Santa Maria a Trì neo an Jasper a’ seòladh air ais a-staigh dhan Acarsaid ann an Èirisgeigh agus bha toileachas an Èirisgeigh an-dè. Nochd còrr air trì fichead na barrachd a-mach a choimhead oirre a’ tighinn a-staigh dhan Acarsaid, a’ seòladh air ais a-staigh, agus bha sealladh àlainn an sin.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ruaraidh Rothach, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!