FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Debate about Scolpaig Spaceport Deasbad mu phost-fànais Scolpaig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Deasbad mu phost-fànais Scolpaig

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Feasgar math agus fàilte oirbh chun na phrògraim. Tha eas-aonta a’ leantainn ann an Uibhist a Tuath mu phlanaichean cead-dealbhachaidh airson port-fànais aig Scolpaig. Tha còrr is còig cheud gu leth neach a-nis air ainm a chuir ri athchuinge na aghaidh, ach tha ceistean gan togail san coimhearsnachd mu cò dìreach a th’ air cùlaibh na h-iomairt airson stad a chur air a’ phort-fànais. Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Buidheann Ghlèiteachais Uibhist a Tuath, Sabhail Scolpaig, sealladh uabhasach na rocaidean, làrach-lìn agus cunntasan meadhanan sòisealta ag iomairt gu làidir an-aghaidh leasachadh phort-fànais ann an Uibhist a Tuath, ach cò th’ air cùlaibh an iomairt?

[Raghnall MacAonghais] Dh’ fhaighnich mi outright, chuir mi brath gu Save Scolpaig fhèin, direct question “Who are you?” No response . Ach fhuair mi response à chuideigin a tha a’ faighneachd dè gnothach a bh’ agamsa ri bhith air an site a bha seo?

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ’S ann air aithisg le beachd gum biodh co-dhiubh dà rocaid gach seachdain ga losgadh à Scolpaig a thog deannan dhaoine, a tha a’ fuireach anns a’ choimhearsnachd, a’ cheist: cò th’ air cùlaibh an iomairt? Chan eil sgeul air an aithris neo na ceistean sin a-nis.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Cha robh oifis na comhairle seo ann am Baile a' Mhanaich ach air brath fhaighinn bho dhithis gun robh iad an-aghaidh an cead-dealbhachaidh airson a’ phort-fànais mus do thòisich an iomairt seo. An ceann seachdain ge-tà, bha sin air èirigh gu còrr air ceud. Agus a-nis, tha còrr mòr air còig cheud duine air fios a chuir gu bheil iad na aghaidh.

[An Comh Ùisdean Robasdan] Mar a tha mi a’ tuigsinn tha e ainmeil air feadh an t-saoghail, tha sinne caran air a bhith eòlach gu h-ionadail air cò an fheadhainn poblach às a sgìre fhèin agus mar a h-uile coinneamh poblach, tha beachdan air leth ann ach tha seo air sgaoileadh a-mach air feadh a h-uile h-àite a th’ ann, ann an dòigh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha seo a’ togail dà cheist cudromach agus chuir BBC Radio nan Gàidheal iad sin air a’ bhuidheann. Ma tha iad cho daingeann am beachd gur e droch rud a th’ ann san leasachadh seo, carson a tha iad airson an ainmean fhèin a’ cumail dìomhair. A’ cheist eile; a bheil iad a’ dèan strì eadar co-phàirtean?

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha sinn aig a’ BhBC a’ tuigsinn gun e càraid a tha gu mòr air cùl an iomairt seo gu bheil iad a’ cur seachad pàirt den ùine aca ann an Uibhist a Tuath agus an còrr dheth air falbh bhon Eilean. Ach tha iad airson na h-ainmean aca fhèin a chumail dìomhair. Shona NicDhòmhnaill. BBC An Là ann an Uibhist a Tuath.

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan - Preseantair] Nise, ann an uair a thìde a dh’fhalbh, fhuair sinn freagairt bho bhuidheann Ghlèiteachais Uibhist a Tuath a thuirt gu bheil tòrr bhuill aca le mòran dhiubh a’ fuireach anns an Eilean. Thuirt iad nach eil ball sam bith air innse gu bheil a’ strì eadar co-phàirtean co-cheangail ris an leasachadh ’s a tha iadsan a’ moladh aig Scolpaig. Agus thuirt iad cuideachd gu bheil an t-eagal air buill a tha a’ fuireach san Eilean bruidhinn a-mach is dragh orra gun tèid an càineadh no nas miosa agus gur ann air sgàth ’s sin a tha iad airson ’s nach tèid an ainmeachadh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!