FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uluru (Ayers Rock) Uluru (Ayers Rock)

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Uluru (Ayers Rock)

[Anne Lundon] Thall thairis a dh’Astràilia a-nis far a bheil dìreach dhà no trì làithean air fhàgail gus Uluru, no Ayers Rock, a shreap. Làrach ainmeil agus suaicheanta, chan ann a-mhàin airson a chuid bòidhchead ach na tha de dh’eachdraidh phrìseil na chois, ’s e aithnichte le coimhearsnachdan nan tùsanach mar àite spioradail agus iad airson a dhìon. Tha tuilleadh aig Shona Nic a’ Phiocair.

[Shona Ni a‘ Phiocair] Uluru, no Ayers Rock, suidhichte am meadhan Pàirce Nàiseanta Uluru-Kata Tjuta, Astràilia. Ged a tha soidhnichean air a bhith ann o chionn bhliadhnaichean ag ràdh gu bheil e an aghaidh lagh traidiseanta nan tùsanach a bhith ga shreap, chan eil sin air stad a chur air daoine.

[Raghnaid] Tha sanasan air a bhith ann bho chionn fhada bho na tùsanaich ag ràdh “na bi coiseachd air Uluru”, ach bha na luchd-turais a‘ coiseachd air Uluru a dh‘aindeoin sin. ’S e àite gu math spioradail do na tùsanaich a th’ ann an Uluru, agus mar sin bidh iad gu math toilichte nach bi daoine a’ coiseachd air an àite seo a-nis.

[Shona] Thar iomadh bliadhna tha coimhearsnachd nan tùsanach, gu sònraichte an Anangu, air a bhith a’ strì gus am Pàirce Nàiseanta a dhìon. Do thùsanaich Anangu, chan eil iad airson casg a chur air luchd-turais tadhal air an làrach, ach tha iad airson ’s gun toir iad urram dhan làrach.

[Ruairidh MacIlleathain] Is tha cuid de na tùsanaich air a bhith ag ràdh “ciamar a bhiodh e dhuibhse nam biomaid a’ streap air mullach nan eaglaisean agaibh, no mullach Taigh na Pàrlamaid ann an Canberra? Ciamar a bhiodh sibh a’ smaoineachadh air an sin?”. Agus, mar sin, tha iad airson ’s gum biodh daoine a’ sealltainn spèis dhaibh.

[Shona] Tha mòran air a bhith an aghaidh casg a chur air daoine Uluru a shreap.

[Raghnaid] Yeah, tha iomadh duine an aghaidh a’ chaisg co-dhiù. Tha iomadh duine a’ smaoineachadh, “Ò, uill, ’s e pàirt de dh’Astràilia a th’ ann agus ’s Astràilianach a th’ annainn” agus “Carson nach bi cead againn a bhith a’ coiseachd air an sin?”.

[Shona] Bho Disathairne sa tighinn cha bhi e ceadaichte tuilleadh do dhuine sam bith Uluru a shreap, ach chan eil seo ag ràdh nach eil an cothrom ann fhathast tadhal air an làrach.

[Ruairidh] Uill, bidh luchd-turais a’ dol ann fhathast, ann an mìltean dhiubh, oir ’s e àite brèagha a th’ ann. Eadhan mura tèid thu gu mullach na cloiche, faodar tu dhol timcheall aig a’ bhonn agus faodaidh tu a bhith a’ coimhead oirre aig àm èirigh na grèine is àm dol fodha na grèine nuair a tha a’ ghrian a’ deàrrsadh air a’ cloiche. Is tha i iongantach fhèin aig an àm sin.

[Shona] Thuirt Bòrd Pàirce Nàiseanta Uluru-Kata Tjuta ann a bhith ga dhìon gur e ceum sònraichte a tha seo ann a bhith a’ toirt prìomhachas dhan dùthaich agus cultar sònraichte nan tùsanach. Shona Nic a’ Phiocair, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!